Dodoma

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Dodoma
[[Faidhle: |300x300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Tanzania.svg Tansainìa,
Co-chomharran 6° 10’ 23” Deas
35° 44’ 31” Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,576 km²
Àireamh-shluaigh 324,347 (2002)
Dlùths 125.91/km²

'S e prìomh-bhaile Thansainìa a tha ann an Dodoma. Tha e suidhichte mu 465 cilemeatair san ear air Dar es Salaam agus mu 441 cilemeatair deas air Arusha. Tha Dodoma 557km air falbh bho Nairobi (Ceinia), 2,276km bho Bhrazzaville (A' Chongo), 774km bho Bhujumbura (Burundaidh), 787km bho Khigali (Rwanda), 1,310km bho Lusaka (Saimbia), 2,225km bho Mhaputo (Mozambique), 893km bho Lilongwe (Malabhaidh), agus 804km bho Khampala (Uganda).[1] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 1,104m os cionn ìre na mara.[2]

Anns a’ bhliadhna 2002 bha 324,347 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, mar sin 's e an treasamh baile as motha den dùthaich. 'S e Dar es Salaam am baile as motha a tha ann an Tansainìa. Anns a’ bhliadhna 1996 dh’ imrich an riaghaltas Tansainìa bho Dar es Salaam gu Dodoma, ach tha mòran oifisean pàrlamaideach fhathast ann an Dar es Salaam. Tha rathad-iarainn ann eadar Dodoma agus Dar es Salaam. 'S e Caitligich a th'ann mu 20% dhe na daoine ann an Dodoma.[3]

Tha dà oilthigh ann:

  • St. Johns University
  • The University Dodoma (UDOM). Thòisich UDOM san t-Sultain 2007 le 1500 oileanach, ach aig ceann ceithir bhliadhnaichean eile tha iad an dòchas gum bi gu bhith 40,000 oileanach ann.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Easbaigeachd Dhodoma