Moroni

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Suidheachadh Mhoroni anns na h-Eileanan Chomoro

'S e Moroni am baile as motha a tha anns na h-Eileanan Chomoro. Bhon bhliadhna 1962 's e prìomh-bhaile na dùthcha a th' ann cuideachd.

Tha am baile suidhichte air a’ chladach san taobh an iar an eilean Grande Comore. 'S e seo an Co-chomharran aige: 11° 45’ Deas agus 43° 12’Ear.

Anns a’ bhiadhna 2003 bha mu 60,200 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.[1]

Tha port-adhair Prince Said Ibrahim International Airport ann, agus port-mara le bàtaichean a tha a’ siubhal eadar an eilean agus tìr mhòr Afraga.

Moroni

[deasaich] Iomradh

  1. www.usatoday.travel