Khartoum
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Sudàn a tha ann an Khartoum, Arabais: الخرطوم al-Kharṭūm. (a' ciallachadh: com an oilbheint). Tha e suidhichte far a bheil an Abhainn White Nile agus an Abhainn Blue Nile a tha a’ tighinn an aon mar Abhainn Nile. Canar "the Mogran" ris an àite seo.
'S e seo an co-chomharran aige: 15° 34’ Tuath agus 33° 36’ Ear. Tha e suidhichte san àirde a deas na Fàsaich Bhayuda.
Chaidh am baile a stèidheachadh le Ibrahim Pasha anns a’ bhliadhna 1821 airson saighearan às an Èipheit a stèidheachadh an seo. Ach dh’fhàs an tuineachadh nas motha mar àite malairt.
Anns a’ bhliadhna 1899 bha Khartoum na phrìomh-bhaile Anglo-Egyptian Sudàn. An dèidh neo-eisimeileachd Shudàn ann an 1956 's e prìomh bhaile den dùthaich ùr cuideachd.
Tha mòran oilthighean ann an Khartoum:
- University of Khartoum, stèidhichte anns a’ bhliadhna 1902 mar Gordon Memorial College
- Sudan University of Science and Technology, oilthigh teicneòlas
- The Academy of Medical Sciences and Technology, ainm eile: AMST, a’ cur air bonn le Prof. Mamoun Humaida
- Juba University
- Bayan Science and Technology University
- Al Neelain University
- Omdurman Islamic University
- Ahfad University for Women
- Academy of Medical Sciences and Technology, Khartoum
Tha am port-adhair as motha ann an Khartoum: Khartoum International Airport. Tha e na laighe ann am meadhan a’ bhaile. Ach thèid port-adhair ùr a thogail ann an Omdurman.
'S e an National Museum of Sudan an taigh-tasgaidh as motha feadh an Sudàn. Tha e ann an Khartoum. Tha an dà Temples of Buhen and Semna, a chaidh a ghluasad bho Loch Nasser, ri fhaicinn an seo.