Sankt Peterburg

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Санкт-Петербург
Sankt Peterburg
Flag of St Petersburg (Russia).png Coat of Arms of St Petersburg large (2003).png
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
SPB Collage 2014-2.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Russia.svg An Ruis
Ceàrn Severo-Zapadny Federalny Okrug
Sgìre Flag of St Petersburg (Russia).png Sankt Peterburg
Co-chomharran 59° 59’ Tuath
30° 19′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 590.43 km²
Àireamh-shluaigh 4,661,219 (2002)
Dlùths 7,894.62/km²
Àireamh fòn 812
Duilleag oifigeil http://gov.spb.ru/

‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Ruise a th’ ann an Санкт-Петербург neo Sankt-Peterburg (IPA: sankt pʲɪtʲɪr’burk, Beurla: Saint Petersburg, Gaeilge: Cathair Pheadair, Fionnais: Pietari). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1703 leis an Rìgh Peadar Mòr mar phrìomh-bhaile ùr airson an dùthaich a leasachadh is leis gu robh e na b' fhaisge air an Roinn Eòrpa na Moscobha. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Neva, anns an roinn (Ruiseis: Okrug) Iar-Thuath na Ruise, 633km air falbh bho Mhoscobha (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 18km bho Kronshtadt agus Am Muir Baltach air an taobh thall a’ bhàigh Nevskaya Guba.[1] Tha 4,661,219 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an darna baile as motha na dùthcha.[2]

Bha ainm a' bhaile gu math connspaideach fad an 20mh linn. Thug Peadar Mòr ainm le coltas Gearmailteach air a' bhaile ùr aige is e ag iarraidh prìomh-bhaile na b' Eòrpaiche agus na b' adhartaiche. Ach b' fheudar dhan Tsar an t-ainm atharrachadh gu Petrograd aig àm a' chiad cogaidh ann an 1914. Chaidh an t-ainm air atharrachadh a-rithist gu Leningrad mar chuimhne air Lenin nuair a bha na Comannaich os cionn riaghaltas na dùthcha ann an 1924. Chaidh an t-ainm tùsail a thoirt air ais ann an 1991 nuair a bhrist an t-Aonadh Sobhiat a-mach a chèile.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Distance Calculator
  2. Bailtean na Cruinne
  3. Urząd Miasta Gdańska
  4. Stadt Graz
  5. Urząd Miasta Krakowa
  6. 6.0 6.1 6.2 SisterCities
  7. Gemeente Rotterdam
  8. Urząd Miasta Warszawa

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]