An t-Aonadh Sobhiatach

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Aonadh Sobhiat)
An t-Aonadh Sobhiatach
Союз Советских Социалистических Республик
Soyuz Sovetskikh Sotsialisticheskikh Respublik
19221991
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1922
Bliadhna mu Dheireadh 1991
Prìomh-Bhaile Mosgo
Càna(i)n Oifigeil Dim. Ruiseis (de facto)
agus 14 càinntean oifigeil eile
Prìomhaire A chiad fhear: Vladimir Lenin (1922 - 1924)

An fhear mu dheireadh: Mikhail Gorbachev (1985 - 1991)

Farsaingeachd 22,402,200 km2
Àireamh-shluaigh 293,047,571 (1991)
Dlùths 13.08/km2
Airgead Ruble (SUR)
Iar-theachdaichean
Airmeinia
Asarbaideàn
A' Bhealaruis
A' Chairtbheil
Casachstàn
Cìorgastan
Eastòinia
An Laitbhe
Liotuàinia
Moldàibhia
An Ruis
Taidigeastàn
Turcmanastàn
An Ucràin
Usbagastàn

’S e dùthaich comannach a bh’ anns an t-Aonadh nam Poblachdan Sòisealach Sobhiatach neo APSS (Beurla: USSR, Ruiseis: СССР), agus nuair a chaidh a stèidheachadh ‘s e a chiad dùthaich sòisealach ann an eachdraidh na cruinne a bh’ ann. Mhair an t-Aonadh bho 1922 gu 1991 agus ì suidhichte ann an Eurasia. Gu tric bhiodh feadhainn ga ainmeachadh mar an Ruis oir b’ e an dùthaich ud an roinn is motha agus is cumhachdach am broinn an stàit. Bho 1945 gu briseadh an t-aonadh ann an 1991 – àm ris an canar an “Cogadh Fuar” – sheas an t-Aonadh Sobhiat an aghaidh Na Stàitean Aonaichte mar aon de na dhà dùthchannan is neartmhor, no “superpowers” mar chanar ‘sa Bheurla, san t-saoghal aig an robh buaidh farsaing anns a h-uile pàirt den cruinne.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich agus dh’fhàs an USSR mar aonadh de na Poblachdan Sobhiat a bha a nochdadh anns na sgìrean de Impireachd an Ruis an dèidh don ar a-mach Ruiseanach ann an 1917 cuir às don Impireachd agus an Cogadh sìobhalta a lean agus a sheas eadar 1918 agus 1921. Thairis air na bliadhnachan dh’atharraich na crìochan aig diofar amannan ach an dèidh do chrìoch an dara cogadh t-saoghal bha iad glè fhaisg air na crìochan a bh’aig Impireachd an Ruis ach as aonais A' Phòlainn, a chuid mhòr de Suòmaidh agus Alasca.

Chaidh an t-Aonadh Sobhiat a chleachdadh mar prìomh-samhail airson stàitean comunnach eile tron an cogadh fhuar leis an riaghaltas agus òrdugh poilitigeach fo smachd Pàrtaidh Comunnach an t-Aonadh Sobhiat a-mhàin.

An toiseach chaidh a chruthachadh mar aonadh de cheithir Poblachdan Sòisealach Sobhiat, dh’fhàs an USSR gu robh coir is 15 poblachdan aonaichte na broinn; Poblachd Sòisealach Sobhiat Armenia, PSS Belaruis, PSS Estonia, PSS Georgia, PSS Kazakh, PSS Kyrgyz, PSS Latbhia, PSS Lituania, PSS Moldobha, PSS nan Ruis, PSS Tajik, PSS Turkmen, PSS Ucràin agus PSS Ùsbeg. Bha na poblachdan nam pàirt de aonadh feadarail a bha gu ìre mòr fo smachd am Poblachd Sòisealach Sobhiat Ruiseanach.

Bhuineadh An USSR dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990.

Ceannardan[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]