A' Phòlainn
| Rzeczpospolita Polska Poblachd na Pòlainn |
|
|---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
| Laoidh Nàiseanta | |
| Mazurek Dąbrowskiego(Polais) Mazurka aig Dąbrowski |
|
| Cànan(an) oifigeil | Pòlais |
| Prìomh-bhaile | Warsaw |
| Baile as motha | Warsaw |
| Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
| Ceann-suidhe | Bronisław Komorowski |
| Prìomh Mhinistear | Donald Tusk |
| Stèidheachadh | |
| Stèidheachadh | 14 Giblean 966 |
| Dàrna Poblachd na Pòlainn | 11 Samhain 1918 |
| Farsaingeachd | |
| Iomlan | 312,679 km² (69mh) |
| Uisge | 3.07 % |
| GDP/PPP (2007) | |
| Iomlan | $631.8 billean (24mh) |
| gach pearsa | $20,487 (52mh) |
| Roinn tìde | CET (UTC+1) |
| as t-samhradh | CEST (UTC+2) |
| Ruith-airgid | Złoty |
| Eadar-lìon TLD | .pl |
| Còd Àireamh fòn | 48 |
'S e dùthaich Eòrpach a th' anns a' Phòlainn[1][2][3][4] no a’ Phólainn[5][6] no Póland.[7] Tha i suidhichte ann am meadhan na Roinn-Eòrpa. Tha crìochan aice leis a' Ghearmailt, a' Bhealaruis, Poblachd na Seice, Ucràin agus le Slobhaigia. Gu h-eachdraidheil agus a rèir cultair is creidimh b' e pàirt den Roinn Eòrpa an Iar a bh' anns a' Phòlainn ach san latha an-diugh bidh i gu tric air a cur am measg nan dùthchannan eile a bha fo smachd a' Chomannachais mar phàirt den Roinn Eòrpa an Ear.
Cleachdar Bealaruisis, Silèisis, cànan Cassubian/Caisiubais, Gearmailtis agus Ucràinis cuideachd ged nach eil iad nan cànanan oifigeil.
'S e Oilthigh Jagiellonian an dàrna oilthigh as sine ann am meadhan na h-Eòrpa. Chaidh a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1364, mar sin tha e am measg nan oilthighean as aosmhoire san t-saoghal.
Susbaint |
[deasaich] Eachdraidh
- 960 - Freumhan miotasach nam Piast.
- 1205 - 1385 - A' chiad Rìoghachd na Pòlainn eachdraidheil, fo na Piast.
- 1385 - 1569 - An dàrna Rìoghachd na Pòlainn fo shliochd Jogaila.
- 1569 - 1795 - Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia.
[deasaich] Daoine ainmeil
- Frédéric Chopin
- Marie Curie
- Jogaila
- Czesław Miłosz, Sgrìobhadair
- Lech Kaczyński, Ceann-suidhe na Pòlainn a chaochail ann an tubaist adhair
- Henryk Sienkiewicz
- Wisława Szymborska, Sgrìobhadair.
- Lech Wałęsa
[deasaich] Bailtean Mòra
Seo liosta na deich bailtean as motha na dùthcha.
[deasaich] Tùsan
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Brigh nam Facal, Faclair Ur don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Am Faclair Gàidhlig - Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- ↑ Dùthchannan ag SMO
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse, duilleg 255, 263
[deasaich] Dealbhan
-
Nicolaus Copernicus ann an Warsaw