Lublin

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Lublin
POL Lublin flag.svg POL Lublin COA.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Collage of views of Lublin.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Poland.svg A' Phòlainn
Ceàrn POL Lubin COA.svg Lubin fhèin
Co-chomharran 51° 14 53' Tuath
22° 34 13' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 147.5 km²
Àireamh-shluaigh 342,279 (2009)
Dlùths 2,320.54/km²
Àireamh fòn +48 81
Duilleag oifigeil http://www.um.lublin.pl

‘S e baile mòr air an àirde an ear na Pòlainn a th’ ann an Lublin. Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Vistula,[1] aig 170m os cionn ìre na mara,[2] anns a’ cheàrn Lubin fhèin, 504km air falbh bho Gdańsk, 273km bho Kraków agus 161km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 342,279 dhe dhaoine a' fuireach anns a' bhaile seo, [4] an 9mh baile as motha na dùthcha.[5] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1198, aig àm nam Piast is fhuair e Còirichean ann an 1317 agus ann an 1398 thug an Rìgh Jogaila, a bha os cionn an dàrna Rìoghachd na Pòlainn tuilleadh chòirichean mhalairt dhan bhaile.[6] Bha coimhearsnachd Iùdhach làidir ann an Lublin ron an Dàrna Cogadh.[7]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a’ chiad thuineachadh air an àite far a bheil Lublin a stèidheachadh aig toiseach tòiseachaidh nam meadhan aoisean, ged a bheil na h-àrc-eòlaichean air a shealltainn gu robh iomadh chultair bho thùs anns an sgìre air fad. Chaidh an tuineachadh na bu thràithe is na bu chudromaiche a chur air chois anns an 16mh Linn, air bhàrr a’ chnuic aig Czwartek, air iomall a’ bhaile.[8] Tha an t-ainm sin a’ ciallachadh Diardaoin sa Phòlais, is tha e coltach gu robhar a’ cumail margaidh gach seachdain an siud.[9] Tha e coltach gun do deach tuineachaidhean eile a thogail air cnocan eile faisg air làimhe, gu h-àraidh far a bheil an t-seann bhaile an latha an-diugh mun àm ud cuideachd. Dh’fhàs Czwartek a bhith gu math cudromach taobh mhalairt fad an 10mh Linn is an 11mh Linn.[10] Bha Lublin deatamach dhan Arm cuideachd, oir bha e suidhichte air taobh an ear na Pòlainn. S’ dòcha gun togadh a’ chiad daingneach anns an 8mh Linn mar-thà, fiù’s shuas air Cnoc a’ Chaisteil fhèin. Ach tha e cinnteach gu robh daingneach mòr ann an siud aig deireadh an 10mh Linn. Mar a dh’ fhàsadh an caisteal, ‘s e am baile ris a thaobh a dh’ fhàsadh na bu mhò is ‘s e an cnoc a’ bhaile shean a bh’ann a t-àite na bu chudromaiche, agus mean air mhean chailleadh Czwartek a chuid chuideam.[11] Chaidh an caisteal a chur fo stiùir Riaghladair,[12] is chaidh ainm a’ bhaile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1224, ach tha e coltach gu robhar ga chleachdadh bho toiseach an 12na linn, neo fiù’s an 10mh Linn mar-thà. ‘S ann a 1198 a th’ann an sgrìobhainn as aosda anns a nochd Lublin bho 1198, is le sin thathar dhen bheachd gu robhar a’ cleachdadh an ainm ro làimhe.

‘S e amas ionnsaighean nan Tartar, nan Rutheni, nan Jatvingi is nan Liotuànianaich a bh’ann, is chaidh sgrios a dhèanamh airsan iomadach turas. Fhuair e a chuid chòirichean ann an 1317. Dh’ aithnich an Rìgh Kazimierz Mòr[13] cho deatamach ‘s a bha e taobh ro-innleachd gun tog e caisteal cloiche ann an 1341 le mùran dìonadach mu thimcheall a’ bhaile.

Ann an 1392, fhuair am baile buannachdan mòra taobh mhalairt bhon Rìgh Władysław Jagiełło, is nuair a ràinig an t-sìth eadar A’ Phòlainn is Liotuàinia dh’fhaodadh do Lublin a bhith na ionad malairt deatamach is e a’ dèiligeadh ri pàirt mòr a’ mhalairt a bh’ann eadar an dà dhùthaich.[14] Chaidh roinn (Pòlais: Wojwodstwa) a chur air chois anns an sgìre mu thimcheall Lublin ann an 1474. Dh’ fhàs am baile gu luath anns an 15mh Linn agus an 16mh Linn. Ghabhadh àite fèilltean malairt mòra Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia ann an Lublin. Chumadh caochladh phàrlamaid nan Uachdaran (Sejm) ann an Lublin fad an 16mh Linn. Chaidh aonadh na dùthcha ri Liotuàinia a ghairm ann an Lublin air 26 an t-Ògmhios 1569.[15] ‘S e Liublinas an t-ainm ann an Liotuànais. Bha fheadhainn dhe na sgrìobhadairean agus luchd-ealain ath-bheothachadh na Pòlainn a’ fuireach is ag obair ann an Lublin, Sebastian Klonowic[16] agus Jan Kochanowski[17] nam measg. Chaochail esan an seo ann an 1584. Chaidh Àrd Chùirte a chuir air chois ann an Lublin ann an 1578, is e an taigh-cùirte na b’ àirde a bh’ann an Roinn na Pòlainn Ìosail air fad.[18]

Nochd gluasadan an Ath-leasachaidh ann an Lublin on dàrna leth an 16mh Linn, agus bha coithional mhòr nam Pròstanach Pòlach an làthair sa bhaile ri linn an Ath-leasachaidh.[19] A bharrachd air sin chaidh fear dhe na coimhearsnachd Iùdhach na bu mhò na Pòlainn a stèidheachadh ann an Lublin mun àm sin cuideachd.[20] Bha e na pàirt bheothail beatha a’ bhaile mus do deach iad a chur gu bàs leis na Nàsaich. Chaidh Comhairle Iùdhach Arba Aracot (Sejm na ceithir dùthchannan) a chumail ann an Lublin ann an 1580 and 1764. Chruinnich 70 riochdairean nan kahal ionadail ri chèile,[21] is iad a’ deasbad cìsean is gnothaichean eile a bha cudromach do choimhearsnachdan Iùdhach.[22] Thigeadh oileanaich bho air feadh na Roinn Eòrpa do Lublin is iad a’ gabhail ceum aig an yeshiva, neo colaiste Iùdhach, an seo. Dh’ fhàs an yeshiva a bhith àite deatamach do dh’ ionnsachadh na Talmud is na Kabbalah. Bha an sgoilearachd aige cho cliùiteach gun tugadh "Oxford nan Iùdhach" air Lublin mar fhar-ainm; Fhuair Rosh yeshiva an tiotal reachdadair le còirichean a bha co-ionnan leis an fheadhainn aig na Oilthigh eile anns A’ Phòlainn, tro chead bhon Rìgh ann an 1567.[23]

Bha am baile ann an droch shuidheachadh fad an 17mh Linn air sàilleabh na h-ionnsaighean an tug na Ruiseanaich is na h-Ùcrainianaich airsan ann an 1655 agus ionnsaighean eile nan Suaineach ri linn Cogaidhean a Tuath.[24] Chaidh Lublin fo Iompaireachd na h-Ostair an dèidh an treas roinneadh na Pòlainn ann a 1795,[25] agus an uair sin bha e am broinn Diùcachd Warsaw bho 1809 gu 1815.[26] An dèidh sin bha e fo bhuaidh na Ruise gu ruige 1915. Bha iomadach leasachaidhean ann aig toiseach an 19mh Linn is chaidh ceàrnagan ùra, sràidean agus toglaichean a thogail. Ann an 1877 chaidh stèisean nan trèana agus Rathad-iarainn a thogail gu Warsaw agus Kovel, a bhrosnaich leasachadh gnìomhachail a’ bhaile.[27] Dh’ fhàs àireamh-shluaigh Lublin 28,900 bho 1873 gu 50,150 ann an 1897 (24,000 Iùdhaich nam measg). Thàinig riaghladh na Ruise gu crìoch ann an 1915, nuair a ghabh feachdan na Gearmailte agus na h-Ostair-Ùngair thairis am baile.[28] An dèidh gun do chaill iad an cogadh ann an 1918, chaidh a’ chiad riaghaltas neo-eisimeileachd na Pòlainn an sàs ann an Lublin fad ùine ghoirid. Lean am baile air eadar na cogaidhean is e ga leasachadh fhèin, leis piseach anns an àireamh-sluaigh is chruthachadh companaidhean cudromach, a’ chiad taigh-gnìomhachais plèanaichean na dùthcha nam measg, air an robh Plage is Laśkiewicz.[29] Chaidh sin a chur ann an seilbh na stàite fon ainm LWS, mu dheireadh thall. Chaidh Oilthigh Caitligeach Lublin a stèidheachadh ann an 1918.[30] ‘S e Iùdhaich a bh’ann mu 40% muinntir a’ bhaile.

Bha Lublin fon Riaghaltas Coitcheann an dèidh ionnsaigh Gearmailteach na Pòlainn ann an 1939.[31] Fhuair muinntir a’ bhaile fìor dhroch làimhseachadh bho feachdan na Gearmailte, gu h-àraidh na Iùdhaich. Bha plana aig na Gearmailtich airson am baile a ghearmailteachadh uile gu lèir, is dh’fhàs àireamh-sluaigh Ghearmailteach gu ruige 20-25 %, an taca ri 10-15% ann an 1939. Chaidh làrach co-chruinneachaidh a chur air dòigh do dh’ Iùdhaich faisg air Lublin, mar phàirt a’ Phlana Nisko/Lublin.[32]

‘S e prìomh-àros an Sgeama Reinhardt a bh’ann Lublin,[33] an iomairt na bu chudromaiche a bha aig na Gearmailtich gus Iùdhaich na Pòlainn a mhilleadh uile gu lèir. B’ fheudar do dh’ Iùdhaich a’ bhaile a dhol gu Ghetto Lublin, air a stèidheachadh mu thimcheall Podzamcze.[34] Chaidh a’ mhòr-chuid dhaibh, mu 26,000 de dhaoine, a chur às a’ bhaile gu Champa bàis Bełżec,[35] eadar 17 am Màrt agus 11 an Giblean 1942. Bha an fheadhainn a bha air fhàgail, mu 200, a ghluasad gu ionadan eile ann am Majdanek, campa co-chruinneachaidh air iomall a’ bhaile. Chaidh a’ mhòr-chuid dhaibhse a chur gu bàs aig deireadh a’ chogaidh. Chleachdadh an campa Majdanek, còmhla ri Prìosan a chaidh a chur air dòigh anns a’ chaisteal Lublin, mar ionad-uabhais an aghaidh muinntir neo-Iùdhaich Lublin fhèin is anns an sgìre air fad.[36] An dèidh a’ chogaidh, stèidhich na h-Iùdhaich a bha fhathast beò, is iad air a bhith air fhalaich neo air a theiche chun an Aonaidh Sobhietach, coimhearsnachd bheag dhe Iùdhaich anns a’ bhaile a-rithist.[37] A dh’aindeoin sin, lùghdachadh e gu luath o chionns gun do dh’ fhalbh a’ mhòr-chuid dhaibh chun an Iar neo gu Iosrael fad na bliadhnachan dìreach an dèidh a’ chogaidh. Ghabh an t-Arm Dearg thairis am baile air 24 an t-Iuchar 1944,[38] agus bha e na phrìomh-bhaile eadar-amail Comataidh Shaoradh Nàiseanta na Pòlainn, a bha fo smachd nan Sobhietach, air an stèidhicheadh iad Riaghaltas Pupaid mu dheireadh thall. Chaidh Warsaw ainmeachadh prìomh-bhaile na dùthcha san Fhaoilleach 1945. Lean Lublin air is e a’ fàs tro na bliadhnachan an dèidh a’ chogaidh, an dà chuid farsaingeachd agus àireamh-sluaigh, a bha air a trioblachadh. Stèidheachadh bunait uabhasach làidir taobh saidheans agus sgrùdadh mu thimcheall an Oilthigh ùr Maria Curie-Sklodowska.[39] Chaidh taigh-gnìomhachais mòr càraichean, air an robh FSC, a chuir air dòigh anns a’ bhaile cuideachd.

Anns An t-Iuchar 1980, ‘s e na luchd-obrach ann an Lublin agus faisg air làimhe ann an Świdnik a thoisich a' chiad stailcean mòra an aghaidh nanùghdarrasan Comunnach, is nochd an gluasad Dìlseachd (Pòlais: Solidarność).[40] Ghabh a’ chiad stailc àite air 8 an t-Iuchar anns an taigh-gnìomhachais WSK ann an Świdnik. Sgaoil e gu taighean-gnìomhachais eile ann an Lublin is an sgìre mu thimcheall. Chuir sin stad air lìonra nan trèanaichean is rathaidean a’ bhaile.[41] Mu dheireadh thall, bha 150 taighean-gnìomhachais far an robh 50,000 ag obair na lùib. Chleachd iad innleachdan anabarrach: dh’ fhuirich iad am broinn nan taighean-gnìomhaschais aca, an àite a bhith a’ togail fianais anns an sràidean far am biodh e cho furasta dha na h-ùghdarrasan ainneart a chleachdadh nan aghaidh. Dh’iarr iad piseach anns an t-suidheachadh eaconamach aca.[42] Bha iarrtasan poiliteagach aca cuideachd, mar eisimpleir: taghaidhean ùra airson ceannardan na h-aonaidhean-ciùird, crìoch do phribhleidean ceannardan a’ Phàirtidh Chomannach, agus lùghdachadh biurocrasaidh nan anns na taighean-gnìomhaschais.

Mhair na stailcean sin fad cola-deug. Chaidh aig na h-ùghdarrasan Comannach air crìoch sìtheil a chur orra mu dheireadh thall, gu h-àraidh tro a bhith a bhuileachadh lasachaidhean eaconamach dhan luchd-obrach. A dh’aindeoin sin, chruthaich na stailcean Lublin momentum is thoisich stailcean eile an ceann greis anns an sgìre mu thimcheall Gdańsk, anns An Lùnasdal 1980.[43] Chleachd an luchd-obrach an siud an aon sheòrsa dhe innleachdan mar a chleachdadh ann an Lublin dìreach mìos ro làimhe, agus an turas sin b’ fheudar dha na h-ùghdarrasan Comannach a ghabhail ri iarrtasan na luchd-stailc, is le sin chuir iad aonadh-ciùird neo-eisimeileach air dòigh, air an robh Solidarność.[44]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean-cèile[deasaich | deasaich an tùs]

  • Flag of Ukraine.svg Lutsk
  • Flag of Ukraine.svg Lvov
  • Flag of Ukraine.svg Starobielsk
  • Flag of Portugal.svg Viseu
  • Flag of Canada.svg Windsor (Ontario)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. IIASA
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Riaghaltas na Pòlainn
  5. Bailtean na Cruinne
  6. Amadeus
  7. Jewish Virtual Library
  8. Dzielnice Lublina
  9. Pro Profs
  10. Study in Poland
  11. Lublin
  12. Zamek Lubelskie
  13. Lublin Pamięć Miejsca
  14. Samorząd Miasta Lublin
  15. Gazeta
  16. Staropolska
  17. Kochanowski
  18. Zamek Lubelski
  19. Socinian
  20. Vie Juive
  21. Jewish Family History
  22. Jüdisches Leben
  23. Jewish Virtual Library
  24. Sztetl
  25. Study in Poland
  26. Poland
  27. Magiczny Lublin
  28. Popkowice
  29. Samoloty
  30. Teatr NN
  31. Jewish Virtual Library
  32. Yad Vashem
  33. Jewish Gen
  34. Kritury
  35. Vie Juive
  36. Majdanek
  37. Kirkuty
  38. United States Holocaust Memorial Museum
  39. Uniwersytet Lubelski
  40. Solidarność
  41. Polskie Radio
  42. Teatr NN
  43. Polskie Radio
  44. Gazeta
  45. Sister Cities International
  46. TwinCities Nederland
  47. SisterCities

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]