S' e baile mòr ann am meadhan na Pòlainn a tha ann an Bydgoszcz (IPA: ˈbɨdgɔʃʧ, Gearmailtis: Bromberg, Liotuànais: Bydgoščius, Latbhais: Bidgošča, Laideann: Bydgostia). Tha e suidhichte aig 57m os cionn ìre na mara,[1] eadar na h-aibhnichean Vistula agus Odra, dìreach ri taobh Toruń, air a’ chanal (Pòlais: Kanał wodny) Bydgoszcz,[2] anns an roinn Kujawsko-pomorskie. Ann an 2008 bha 360,142 duine a' fuireach ann. Tha Bydgoszcz 335km air falbh bho Lublin, 376km bho Kraków, 140km bho Gdańsk agus 25km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e an 8mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4] Chaidh Bydgoszcz a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1238. A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1346[5] aig àm a' chiad Rìoghachd na Pòlainn agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1989.[6] ‘S an t-oilthigh as ùire na dùthcha a th’ann.
[deasaich] Daoine Ainmeil
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- ↑ Mongabay
- ↑ Kanał bydgoski
- ↑ Global Feed Distance Calculator
- ↑ World Gazetteer
- ↑ Republika
- ↑ Uniwersytet Kazimierza Wielkiego
- ↑ Черкаси
- ↑ City of Hartford
- ↑ ГРАД КРАГУЈЕВАЦ
- ↑ Кременчуц
- ↑ Stadt Mannheim
- ↑ 宁波
- ↑ Πάτρα
- ↑ Павлодар
- ↑ Comhairle Pheairt
- ↑ Comune Reggio Emilia
- ↑ Stadt Wilhelmshaven
- ↑ Primaria Piteşti
Tha dealbhan ann an
Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: