Frédéric Chopin

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Fryderyk Franciszek Chopin

Ceòladair

Chopin, by Wodzinska.JPG

Ceann-Là Bhreithe 22 an Gearran 1810
Àite Bhreithe Żelazowa Wola (A' Phòlainn)
Ceann-Là a Bhàis 17 an Dàmhair 1849
Àite a Bhàis Paris (An Fhraing)
Bean/Fear-Chèile Justyna Krzyzanowska
Meadhan Snìomhadair Ciùil
Stoidhle Ceòl clasaigeach
Làrach-lìn http://www.chopin.org


Bha Frédéric François Chopin (22 an Gearran no 1 am Màrt 181017 an Damhair 1849) na chumadair-ciùil, na chleasaiche-piàno agus na thidsear-ciùil às a' Phòlainn. Tha am far-ainm a th' air Bàrd den Piàno. Bha e maighstir de cheòl romansach.

Rugadh Chopin ann an Żelazowa Wola, baile-beag ann an Diùcachd Warsaw. B' e iongantas leinibh a bh' ann. As dèidh an November Uprising ann an 1830, cuin a chùm an Ruis fodha a' Phòlainn, dh'fhuirich e ann am Paris, an Fhraing, mar pàirt den Eilthireachd Mhòr Phòlainneach. Airson airgead, dh'obair e mar tìdsear-piana agus cumadair-ciùil ach cha d' rinn e mòran cuirm-ciùil. Eadar 1837 agus 1847 bha càirdeas aige leis an tè-sgrìobhadair Fhrangach Seòras Sand. Cha robh slàinte mhath aig Chopin. Chaochail e ann am Paris ann an 1849. Bha e dìreach 39 bliadhna a dh'aois.

Tha a' mhòr-chuid den obair aig Chopin airson piàno aon-neachd ach sgrìobh e dà choncerto airson piàno cuideachd. Tha an obair aige gu math doirbh, teicnigeach ach le mòran doimhne. Chruthaich Chopin am foirm ciùil ballade innealach. Rinn e atharrachaidhean mòr ri sonata piana, mazurka, waltz, nocturne, polonaise, étude, impromptu, scherzo, agus prélude.