Czesław Miłosz

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Czesław Miłosz Nobel prize medal.svg
Czeslaw Milosz, 1986.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Russia.svg Šeteniai 30 an t-Ògmhios 1911
Bàs Flag of Poland.svg Kraków 14 an Lùnasdal 2004
Obair Litreachas, Nobhailean, Bàrdachd
Cànan Pòlais agus Beurla
Linn 20mh linn
Creideamh Caitligeach

B’ e Czesław Miłosz (Liotuànais: Česlavas Milošas) sgrìobhadair, bàrd agus eadar-theangachair às a' Phòlainn. Rugadh e ann am baile beag ris an canar Šeteniai ann an 1911 agus chaochail e ann an Kraków (IPA: 'krakuf) ann an 2004. Bhuidheadh e do theaghlach Pòlach le freumhan ann an Liotuàinia, is rugadh e aig àm Iompaireachd na Rùise, nuair a bha a’ Phòlann agus Liotuàinia fo bhuaidh an Tsar. Dh’fhàg e an Roinn Eòrpa ann an 1960 is chaidh gus na Stàitean Aonaichte, far an robh e an sàs anns an Oilthigh Berekley mar ollamh, eadar 1961 agus 1998. Bha e an aghaidh Stalin is a h-uile càil a rinn e air feadh na Roinn Eòrpa. Bhuannaich Czesław Miłosz an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1980.[1] A bharrachd air sin, b' e esan an ceithreamh neach às A' Phòlainn a choisinn duais Nobel a-riamh.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Làrach-lìn oifigeil na Duaise
  2. Ambasada Rzeczypospolitej Polskiej w Berlinie