Anatole France
| Anatole France |
|
| Fiosrachadh | |
| Rugadh | |
| Bàs | |
| Obair | Litreachas, Nobhailean |
| Cànan | Fraingis |
| Linn | 19mh linn, 20mh linn |
| Creideamh | Caitligeach |
B'e Anatole France, an t-ainm-pinn aig François-Anatole Thibault, sgriobhadair às An Fhraing. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an1921.[1]
Susbaint |
[deasaich] Beatha
Rugadh e an 16mh latha dhen Ghiblean 1844 ann am Paris fhèin. ‘S e leabhraiche a bh’ann athair, is le sin chuireadh e seachad a bheatha a-measg leabhraichean. ‘S e Librairie de France (Gàidhlig: Bùth-leabhraichean na Frainge) an t-ainm a bha air a’ bhùth sin is chleachd Jacques Anatole François e airson ainm-pinn. Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an àrd-sgoil caitligeach Collège Stanislaus is nuair a dh’ fhàg e an sgoil bha e an sàs ag obair ri taobh athar anns a’ bhùth aca. Fhuair e dreuchd mar leabharlannaiche aig Seanadh na Frainge ann an 1876. Chaidh aige ri ballrachd Académie française (Gàidhlig: Acadamaidh na Frainge) fhaighinn ann an 1896, nuair a chaochail Ferdinand de Lesseps.
Thug Anatole France taic làidir do dh’ Émile Zola anns a’ chùis Dreyfus, is fiù’s chuir e ainm gu athchuinge, a dh’iarr air na ùghdarrasan sgrùdadh air a’ chùis sin a dheànamh is gun toireadh bonn na Legión d'Honor[2] air ais do Zola, dìreach an latha an dèidh a dh’ fhoillsich Zola an t-airtgil J'accuse...! ann am pàipear-naidheachd. A bharrachd air sin bha e an sàs ann an stèidheachadh bhuidhne airson Còirichean Daonna. Dhèanadh iomairtean ann an dà chuid airson sgaradh na h-eaglaise bhon stàit agus airson aonaidhean-ciùide a chur air dòigh.
Bha e aig obair airson L'Humanité, pàipear-naidheachd an làimhe-chlì agus rinn e iomairt an aghaidh Còrdaidh Versailles ann an 1919, nuair a sgrìobh e artigil leis an tiotal An aghaidh na Sìthe gun Cheartas, a dh’fhoillsich L’Humanité air an 22mh latha dhen Iuchar sa bhliadhna sin. Sheas e aig na taghaidhean ann an 1914 airson Earran Fraingeach Eadar-nàiseanta na Luchd-Obrach (SFIO), seann ainm Pàrtaidh Sòisealach na Frainge, is bha dlùth air a’ Phàrtaidh Comannach na Frainge, ach rinn e dubh chàineadh orra mu dheireadh thall.
Chaochail e air an 12mh latha dhen Damhair 1924 aig an dachaigh, ann an Tours.
[deasaich] Litreachas
Dh’fhàs Anatole France a bhith uabhasach ainmeil an an 1888 nuair a dh’fhoillsich Le crime de Sylvestre Bonnard, seòrsa dhe sgrùdadh air an 19mh linn. Mholadh an leabhar air sàilleabh a chuid rosg eireachdail is fiù’s bhuannaich e duais Acadamaidh na Frainge.
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1921 airson a bhith ag aideachadh a chuid euchdan spaideil ann an litreachas, is iad làn nòs allail, tlusalachd gu math domhainn, ceadachas agus fìor nàdar Fraingeach"
[deasaich] A Chuid Obrach
- Sgeulachdan is nobhailean goirid
- 1879: Jocaste et le chat maigre
- 1881: Le Crime de Sylvestre Bonnard
- 1882: Les Désirs de Jean Servien
- 1886: Nos enfants, scènes de la ville et des champs
- 1889: Balthazar
- 1890: Thaïs
- 1892: L'Étui de nacre, recull de contes
- 1892: La Rôtisserie de la reine Pédauque
- 1893: Les Opinions de Jérôme Coignard
- 1894: Le Lys rouge
- 1895: Le Jardin d'Épicure
- 1895: Le Puits de Sainte Claire
- 1897: L'Orme du mail
- 1897: Le Mannequin d'osier
- 1899: L'Anneau d'améthyste
- 1900: Clio
- 1901: Monsieur Bergeret à Paris
- 1901: L'Affaire Crainquebille
- 1902: Le Procurateur de Judée
- 1903: Histoires comiques
- 1905: Sur la pierre blanche
- 1908: L'Île des Pingouins
- 1908: Les Contes de Jacques Tournebroche
- 1909: Les Sept Femmes de Barbe bleue et autres contes merveilleux
- 1912: Les dieux ont soif
- 1914: La Révolte des anges
- 1920: Marguerite
- 1920: Le Comte Morin
- Bàrdachd
- Cuimhneachan
- Drama
- 1898: Au petit bonheur
- 1903: Crainquebille
- 1908: La comédie de celui qui épousa une femme muette
- 1928: Le Mannequin d'osier, comèdia
- Eachdraidh
- 1908: Vie de Jeanne d'Arc
- Beachdaireachd Litreach
- 1869: Alfred de Vigny, estudi
- 1888: Le château de Vaux-le-Vicomte
- 1871: Le Parnasse contemporain
- 1913: Le Génie latin, recull de prefacis
- 1915: Sur la voie glorieuse
- Beachdaireachd Sòisealta
[deasaich] Onorachaidhean
Chuireadh an t-ainm aige gu asteroide (11166 Anatolefrance) a lorg Eric Walter Elst 27mh An Gearran 1998.
[deasaich] Aistean co-cheangailte
[deasaich] Iomraidhean
[deasaich] Ceanglaichean A-mach
Sully Prudhomme • Theodor Mommsen • Bjornstjerne Martinus Bjornson • Frédéric Mistral • José Echegaray y Eizaguirre • Henryk Sienkiewicz • Giosuè Carducci • Rudyard Kipling • Rudolf Christoph Eucken • Selma Lagerlöf • Paul Johann Ludwig von Heyse • Maurice Maeterlinck • Gerhart Johann Robert Hauptmann • Rabindranath Tagore • Romain Rolland • Carl Gustaf Verner von Heidenstam • Karl Adolph Gjellerup • Henrik Pontoppidan • Carl Friedrich Georg Spitteler • Knut Hamsun • Anatole France • Jacinto Benavente • William Butler Yeats • Wladyslaw Stanislaw Reymont • George Bernard Shaw • Grazia Deledda • Henri Bergson • Sigrid Undset • Thomas Mann • Sinclair Lewis • Erik Axel Karlfeldt • John Galsworthy • Ivan Alekseyevich Bunin • Luigi Pirandello • Eugene Gladstone O'Neill • Roger Martin du Gard • Pearl S. Buck • Frans Eemil Sillanpää • Johannes Vilhelm Jensen • Gabriela Mistral • Hermann Hesse • André Gide • Thomas Stearns Eliot • William Faulkner • Bertrand Russell • Pär Fabian Lagerkvist • François Mauriac • Winston Churchill • Ernest Hemingway • Halldór Laxness • Juan Ramón Jiménez • Albert Camus • Boris Pasternak • Salvatore Quasimodo • Saint-John Perse • Ivo Andrić • John Steinbeck • Giorgos Seferis • Jean-Paul Sartre • Mikhail Sholokhov • Shmuel Yosef Agnon • Nelly Sachs • Miguel Àngel Asturias • Yasunari Kawabata • Samuel Beckett • Aleksandr Isaevich Solzhenitsyn • Pablo Neruda • Heinrich Böll • Patrick White • Eyvind Johnson • Harry Martinson • Eugenio Montale • Saul Bellow • Vicente Aleixandre • Isaac Bashevis Singer • Odysseas Elytis • Czesław Miłosz • Elias Canetti • Gabriel José García Márquez • William Golding • Jaroslav Seifert • Claude Simon • Wole Soyinka • Joseph Brodsky • Naguib Mahfouz • Camilo José Cela • Octavio Paz • Nadine Gordimer • Derek Walcott • Toni Morrison • Kenzaburo Oe • Seamus Heaney • Wisława Szymborska • Dario Fo • José Saramago • Günter Grass • Gao Xingjian • Vidiadhar Surajprasad Naipaul • Imre Kertész • J.M. Coetzee • Elfriede Jelinek • Harold Pinter • Orhan Pamuk • Doris Lessing • J. M. G. Le Clézio • Herta Müller • Mario Vargas Llosa • Tomas Tranströmer