Łódź

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Łódź
POL Łódź flag.svg POL Łódź COA.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Collage of views of Lodz.PNG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Poland.svg A' Phòlainn
Ceàrn Łódź fhèin
Sgìre Łódź fhèin
Co-chomharran 51° 45′ 00 Tuath
19° 28′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 293.25 km²
Àireamh-shluaigh 742,387 (2009)
Dlùths 2,531.58/km²
Àireamh fòn (+ 48) 42
Duilleag oifigeil http://www.uml.lodz.pl/

‘S e baile mòr ann am meadhan na Pòlainn a th’ann Łódź (IPA: wutɕ , Iùdais: לאדזש neo Lodzh, Laideann: Lodzia, Liotuànais: Lodzė, Gearmailtis: Lodsch agus Litzmannstadt bho 1940 gu 1945). Tha e suidhichte aig 198m os cionn ìre na mara,[1] anns a’ ghleann Ner, ri taobh na h-aibhne Ner, a shruthas chun na h-aibhne Warta.[2] Tha Łódź 221km air falbh bho Lublin, 188km bho Kraków, 294km bho Gdańsk agus 119km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e baile neo-eisimeileachd a th’ann. Chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1332 ann an sgrìobhainn eaglaiseil, ri linn nam Piast, agus chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an 1945.[4] A bharrachd air sin, ‘s e an treas baile as motha na dùthcha a th’ann.[5] Tha an t-ainm a’ ciallachadh bàta.[6]

Eachdraidh[deasaich | edit source]

‘S e dìreach baile beag ri taobh allt air an robh Lodka a bh’ann Łódź o shean.[7] Tha an t-allt fo thalamh an latha an-diugh. chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas ann an sgrìobhainn ann an 1332.[8] Tha Łódź gu math òg an coimeas ri na bailtean mòra eile na Pòlainn agus, a dh’aindeoin àireamh-sluaigh a’ bhaile, cha robh e a-riamh cho cudromach ri Kraków, Gdańsk neo Wrocław. Fhuair am baile beag a chuid chòirichean ann an 1423 on Rìgh Jogaila, a bha os cionn dàrna Rìoghachd na Pòlainn. Fiù’s ann an 1790 cha robh ach 190 nan tàmh an seo. Dh’fhàs am baile na bu mhotha fad an 19mh Linn is e fo bhuaidh na Na Ruise tro mheadhan an gnìomhachais, is an dùthaich air a roinneadh eadar a nàbaidhean.[9]

‘S e teis-mheadhan gnìomhachas a’ chlò anns A’ Phòlainn a bh’ann Łódź, mar Mhanchester thall ann an Sasainn. Chaidh àireamh-sluaigh a’ bhaile suas ann an ùine ghoirid bho mhìltean dhe daoine gu na ceadan dhe mìltean. Chaidh a’ chiad taigh-ghnìomhachas a’ chlò a thogail le Christian Friedrich Wendisch ann an 1826 agus Comann nan Ceannaiche-aodaich ann an 1825.[10] Dh’fhàs lìonmhor àireamh-sluaigh a’ bhaile aig àm an Tionndadh Gnìomhachais is ràinig mòran Ghearmailtich agus Iùdhaich. Fhuair na h-Iùdhaich a’ chiad chead aca gus a bhith a’ fuireach anns a’ bhaile ùr gnìomhachas sin ann an 1848. ann an 1894 bha 168,513 nan tàmh an seo. ‘S e baile measgaichte a bh’ann:[11] fo bhuaidh nan Ruiseanach, ‘s e Iùdhaich a bh’ann na luchd-ghnìomhachais, Gearmailtich a bh’ann na luchd-tasgaigh airgid agus Pòlaich a bh’ann na luchd-obrach anns na taighean-ghnìomhachais.

Ann an 1918, an dèidh 123 bliadhna,[12] bha A’ Phòlainn neo-eisimeileach a-rithist, is bha Łódź an sàs ann an gnìomhachas a’ chlò, is e am baile na bu chudromach na Roinn Eòrpa a bh’ann co-dhiù. Bha am baile cliùiteach airson a chuid chotain a bhathar a’ fighe anns na taighean-ghnìomhachais. A bharrachd air sin, bha an àireamh sa cheud dhe Iùdhaich na b’ àirde eadar na bailtean le còrr is 100,000 luchd-àiteachaidh san Roinn Eòrpa air fad aig Łódź. Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh am baile a mhilleadh ann am pàirt le feachdan na Gearmailte, mar phàirt Plana Coitcheann an Ear (Gearmailtis: Generalplan Ost) mar bailtean eile anns A’ Phòlainn. Bha am broinn na Reichsgau Wartherland.[13] Chaill Łódź 420,000 luchd-àiteachaidh, a chaidh a thoirt am brùid gu campaichean-bàis, 300,000 Iùdhaich nam measg.

Daoine Ainmeil[deasaich | edit source]

  • Daniel Amit: (19382001) Fear-saidheans Iùdhach.
  • Jan Kowalewski: (18921965) Saighdear a bhrist còdaichean dìomhair nan Nàsach.
  • Maksymilian Faktorowicz: (18721938) Fear-gnìomhachas a stèidhich an companaidh Max Factor.
  • Aharon Kaztir: (19141972) Fear-saidheans a bhàsaich anns an ionnsaigh ceannairceach LOT.
  • Julian Tuwim: (18941953) Bàrd.
  • Mendel Grossmann: (19171945) Dealbhadair chàmara.
  • Artur Rubenstein: (18871982) Cluicheadair a’ phiàna.
  • Jan Karski: (19142000) Riochdaire dioplòmasach a shabaid an aghaidh nan Nàsach.
  • Natan Spigel: (18861942) Dealbhadair Iùdhach a bhàsaich ann an Treblikna.
  • Karl Dominik: (1980) Actair.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Dealbhan[deasaich | edit source]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Mongabay
  2. Retour dans notre passé
  3. Global Feed Distance Calculator
  4. Uniwersytet Łódźki
  5. World Gazetteer
  6. Faclair Pòlais
  7. Institute of Urban Geography
  8. Łódź Online
  9. Maps of the World
  10. God’s Playground: a History of Poland, Norman Davies, University Press, Oxford, ISBN 0-19-925340-4
  11. Deutsche und Polen
  12. Polish Culture
  13. General Ostplan
  14. Câmara Municipal de Barreiro
  15. Stadt Chemnitz
  16. Ivanovo
  17. Kalingrad
  18. Lviv
  19. Ville de Lyon
  20. Minsk
  21. Ayuntamiento de Murcia
  22. Mista Odesa
  23. Örebro Kommun
  24. Ciudad de Puebla
  25. Rustavi
  26. Stadt Stuttgart
  27. Szeged Város
  28. Tampereen Kaupunki
  29. Tel Aviv
  30. Tianjin
  31. Vinaius Miesto Savivaldybes