‘S e baile uabhasach mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann Stuttgart (IPA: 'ʃtʊtɡaɐ̯t, Swabiche: Schturget). ‘S ann às an t-seann ghearmailtis stuotgarten, a tha a’ ciallachadh gàrradh nan each anns a’ Gàidhlig, a th’ann an t-ainm.[1] a chlàradh airson a’ chiad turas ann an sgrìobhainn eaglaiseil ann an 1160, ach thathar dhen bheachd gu robh daingneach Ròmanach ann aig àm Ìosa agus treubhan dhe Alemani an dèidh sin cuideachd.[2] Tha e suichte aig 245m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Neckar, anns an stàit Baden-Württemberg agus ‘s e prìomh-bhaile na stàite a th’ann cuideachd. Tha am baile 512km air falbh bho Bherlin, 195km bho München agus 161Km bho Zürich, thall anns An Eilbheis.[3] Chaidh Oilthigh Hohenheim a stèidheachadh anns a’ bhaile ann an 1818, Oilthigh Stuttgart ann an 1826 agus Sgoil a’ Chiùil Stuttgart ann an 1857. Tha 606,588 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an 6mh baile nas motha na dùthcha[4] agus tha mu 2.7 muillean anns an sgìre mu thimcheall a’ bhaile.[5] Tha na Beanntann Jura, an Coille Dhubh (Gearmailtis: Schwarzwald) agus gàrraidhean fìona uile air iomall a’ bhaile.
Daoine ainmeil [deasaich]
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
- ↑ Stuttgart Geschichte
- ↑ Daniel Kirn (2007). Stuttgart – Eine kleine Stadtgeschichte. Sutton. ISBN 978-3-86680-137-0.
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean as motha na cruinne
- ↑ Region Stuttgart
- ↑ Urząd Miasta Łodzi
- ↑ SisterCities
- ↑ Ville de Strasbourg
Ceanglaichean a-mach [deasaich]