St. Louis
St. Louis
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | St. Louis | ||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 38° 37’ 38 Tuath 90° 11′ 52 Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 171.3 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 365,589 (2009) | ||||
| Dlùths | 2,134.2/km² | ||||
| Àireamh fòn | 320 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://stlouis-mo.gov/ | ||||
‘S e baile uabhasach mòr faisg air Kansas City ann an iar-mheadhan Na Stàitean Aonaichte a th’ ann an St. Louis (IPA Beurla: seɪnt ˈluːɪs, Fraingis: sɛ̃ lwi).[1] Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Fraingich eadar 1703 agus 1764. Tha e suidhichte aig 142m os cionn ìre na mara aig inbhir na h-Aibhnichean Mississippi agus Missouri, aig astar dhe 1,140km bho Washington, prìomh-bhaile na dùthcha, 1,552km bho Los Angeles agus 418km bho Chicago[2] Tha am baile air an àirde an ear Mhissouri. Tha 365,589 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile. Rugadh 6.3% thall thairis agus ‘s e daoine le freumhan ann an Aimearaga Laideannach a tha 2.9% agus daoine le freumhan ann an Afraga a th’ann 48.2%.[3] ‘S e an 53mh baile as motha na dùthcha a th’ ann St. Louis agus an 4mh sgìre as motha ann an iar-mheadhan co-dhiù.[4]
Susbaint |
Eachdraidh [deasaich]
Chaidh am baile a stèidheachadh le dithis fhear-mhalairt às an Fhraing, Pierre Laclède agus Réné Auguste Chouteau, eadar 1703 agus 1764.[5] Thug iad ainm an Rìgh Louis XVI dhan àite. ‘S e àite mhalairt a bh’ann aig an toiseach. Reic Napoléon an sgìre dha na Stàitean Aonaichte ann an 1804.[6] Dh’fhàs am baile a bhith gu math làidir taobh ghnìomhachais fad an 19mh linn gu ruige a’ chiad leth dhan 20mh linn.[7] Ràinig daoine bhon An Roinn-Eòrpa, gu seachd àraidh à Èirinn, às An Eadailt agus às A’ Ghearmailt agus le sin b’ e St. Louis an 4mh baile na dùthcha aig an àm. ‘S e daoine le freumhan ann an Afraga a th’ann an coimhearsnachd bheag-chuid as treasa an latha an-diugh. Bha an darna leth an 20 linn uabhasach doirbh taobh ghnìomhachais, chaill am baile iomadach daoine agus thuit e gu bhith an 53mh baile na dùthcha,[8] ach tha prìomh oifisean neo taighean-ghnìomhachais aig tòrr companaidhean cudromach ann an St. Louis fhathast, mar eisimpleir Playtex, Budweiser, Wells Fargo, Energizer, DaimlerChrysler agus Alamo.[9]
Daoine Ainmeil [deasaich]
- Thomas Stearns Eliot: (1888 – 1965) bàrd a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1948.
- Josephine Baker: (1906 - 1975) Seinneadair.
- William S. Burroughs: (1915 - 1996) Sgrìobhadair.
- Betty Grable: (1916 - 1973) Cleasaiche.
- Shelley Winters: (1920 - 2006) Cleasaiche.
- Chuck Berry: (1926 - ) Ceòladair.
- Maya Angelou: (1928 -) Sgrìobhadair.
- Kevin Kline: (1947 - ) Cleasaiche.
- Roger D. Kornberg: (1947) Bith-eòlaiche.
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Geonames
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàitean Aonaichte
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ St. Louis Walk of Fame
- ↑ National Parks Service
- ↑ St. Louis heritage
- ↑ Oilthigh Iowa
- ↑ STLRCGA
- ↑ Ville de Lyon