Katowice

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Katowice
Katowice Flaga.svg Coats of arms of None.svg
Bratach a' bhaile gun lùireach
Katowice.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Poland.svg A' Phòlainn
Ceàrn Katowice fhèin
Sgìre POL województwo śląskie flag.svg Śląskie
Co-chomharran 5° 15 00' Tuath
19° 00' 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 308,724 (2009)
Àireamh fòn +48 32
Duilleag oifigeil http://www.um.katowice.pl/

S' e baile mòr ann an ceann a deas na Pòlainn a th’ ann an Katowice (IPA: katɔ'vʲitsɛ , Gearmailtis: Kattowitz, Latbhais /Seacais: Katovice, Liotuànais: Katovicai, Laideann: Katovicum). Tha e suidhichte aig 293m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Rawa,[2] anns an roinn Śląskie. Ann an 2009 bha 308,724 duine a' fuireach ann. Tha Katowice 272km air falbh bho Lublin, 67km bho Kraków, 454km bho Gdańsk agus 260km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e an 10mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4] A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1865[5] agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1968.[6]

Eachdraidh[deasaich | edit source]

‘S e na Silesianaich a bha nan tàmh an seo o shean. Bha na Piast uabhasach làidir fad na linntean, gus an tug na Habsburg an àite ann an 1532.[7] Chaidh am baile beag Katowice air a stèidheachadh anns an 19mh Linn, nuair a bha an roinn fhathast fo bhuaidh na Prùise. Fhuair e a chuid chòirichean mar bhaile dìreach ann an 1845.[8] ‘S e baile measgaichte a bh’ann le Gearmailtich, Silesianaich, Pòlaich agus mòran dhe Iùdhaich nan tàmh an seo.[9] Chaidh e a chur ris A’ Phòlainn eadar 1918 agus 1921.

Dh’fhàs Katowice gu math beartach air sàilleabh gu robh mèinnean guail anns na beanntann mu thimcheall a’ bhaile.[10] Chuir an gnothach seo piseach air an gnìomhachas, dh’fhàs àireamh-sluaigh a’ bhaile is thoisich gnìomhachas an Iarann cuideachd.[11] Fhuair sin droch bhuaidh air na daoine is an àrainneachd, gu h-àraidh an dèidh an Dàrna Cogaidh is cha robh a’ chùis a cheartachadh gu ruige 1989, o chionns gum brosnachadh gnìomhachasan làidir ri linn nan Comannach.[12] ‘S e Stalinogród a bha air a’ bhaile bho 1953 gu 1956,[13] leis gu robh an Riaghaltas Comannach uabhasach dlùth airsan is an dùthaich fo bhuadh an Aonadh Sobhiat.

Daoine Ainmeil[deasaich | edit source]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Mongabay
  2. Katowickie Wodociągi
  3. Global Feed Distance Calculator
  4. World Gazetteer
  5. Katowice Friko
  6. Uniwersytet Śląski w Katowicach
  7. Study in Poland
  8. Józef Szaflarski, Katowice 1865 – 1945, Wydawca Śląski Instytut Naukowy, 1978
  9. Jewish Gen
  10. Główny Instytut Górnictwa
  11. Deutschland und Europa
  12. Private Photo Review
  13. Katowice Wczoraj i Dziś
  14. Comhairle Chontae Àth Cliath
  15. Донецьк
  16. Portaal Groningen
  17. Stadt Köln
  18. Košice
  19. Miskolc Város
  20. City of Mobile
  21. Odense Kommune
  22. Ostrava
  23. Opava
  24. Ville de Saint Étienne
  25. 沈阳
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: