Màili

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
République du Mali
Flag of Mali.svg
Bratach
Seal of Mali.gif
Lùireach
LocationMali.svg
Laoidh Nàiseanta
Pour l'Afrique et pour toi, Mali
"For Africa and for you, Mali"
Sluagh-ghairm nàiseanta
"Un peuple, un but, une foi"
"One people, one goal, one faith"
Cànan(an) oifigeil Fraingis (Fraingis Màilianach)
Prìomh-bhaile Bamako
Baile as motha Bamako
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Amadou Toumani Touré
Prìomh-mhinistear Modibo Sidibé
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Fhraing
22mh an t-Sultain 1960
Farsaingeachd
Iomlan 1,240,192 km² (24mh)
Uisge 1.6 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 11,995,402 (73mh)
Dlùths 11/km² (207mh)
LTD/CCC (2005)
Iomlan $14.400 billean (125mh)
gach pearsa $1,154 (166mh)
Roinn tìde UTC
Ruith-airgid CFA franc
Eadar-lìon TLD .ml
Còd Àireamh fòn 223

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Màili, [1], ainm eile: Mailidh[2] , Màilidh [3] neo Maili;[4] ainm oifigeil: Poblachd Mhàili (Fraingis: République du Mali). Tha crìochan aice san ear le Nìgeir, sa tuath le Aildiria, san iar le Seanagal agus Moratainia, sa deas le Buircina Fhaso agus le Costa Ìbhri.

Tha an Abhainn Niger agus an Abhainn Senegal ann an taobh a deas cuideachd.

'S e Bamako am prìomh-bhaile.

Croitearachd Màiliach[deasaich | edit source]

Tha mìltean de chroitearan ann an Màili ach chan eil laghan croitearachd anns an tìr sin, agus tha naidheachd a' tighinn a mach às an duthaich[5] gu bheil riaghaltas Mhàili an diugh a' toirt gabhaltasan ri agra-calpanaich bho tìrean chèin.

Tha ùghdarras nàiseanta don b' ainm Office du Niger a' sealbhachadh mu deidhinn 1,200,000 heactair ri taobh Abhainn de Niger, ach anns an 80 bliadhna mu dheireadh cha chuireadh sgeamaichean uisgeachaidh an gnìomh a leasaich ach 80,000 heactair. Mar sin tha beò-shlàinte de na croitearan ri taobh na h-aibhne a' crochadh air na uisgeachan bliadhnail o gu h-àrd. Tha seo na cothrom leasachaidh do luchd-chalpa bho tìrean nas beairteach - Libia nan measg, agus tha an riaghaltas a' faicinn cothrom air airgead, ged a chosgas seo beatha nan croitearan.

Da rèir Abou Sow, Prìomh-Stiùiriche Office du Niger, chan eil comas aig an t-sluagh an talmhainn a leasachadh, agus tha a h-oifis air suas ri 240,000 heactair a thoirt seachad do chalpanaich. Tha aithrisean air nochdadh de shaighdearan a' cur ionnsaigh air cuid tuathanaich, agus do rèir Ibrahima Coulibaly, Taoiseach den Chomataidh Co-òrdanachaidh airson Eagar-bhuidhnean nan Tuathanaich agus Croitearan Màilianach "Bithidh an goirt a' toisich a dh'aithghearr".

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Am Faclair Beag
  2. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  4. Dùthchannan aig SMO
  5. "Fears over new scramble for Africa Neil MacFarquhar, Scotland on Sunday; 26 an Dùbhlachd 2010 ".

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Mosg ann an Djenné
Margadh ann an Kati, Màili
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: