Siombabue

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Zimbabwe)
Zimbabwe

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Simudzai Mureza wedu WeZimbabwe (Cànan Shona)
Kalibusiswe Ilizwe leZimbabwe (Cànan Ndebele)
"Blessed be the land of Zimbabwe"
Sluagh-ghairm nàiseanta
Unity, Freedom, Work
Cànan(an) oifigeil Beurla
Mion-chànan(an) Shona, Ndebele
Prìomh-bhaile Harare
Baile as motha Harare
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Emmerson Mnangagwa
Iar-cheann-suidhe Constantino Chiwenga
Neach-labhairt na Pàrlamaid Mabel Chinomona
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte
Rhodesia 11mh an t-Samhain 1965
Zimbabwe 18mh an Giblean 1980
Farsaingeachd
Iomlan 390,757 km² (60mh)
Uisge 1 %
Àireamh-shluaigh (2005)
Iomlan 13,010,000 (68mh)
Dlùths 33/km² (170mh)
LTD/CCC (2005)
gach pearsa $2,607 (129mh)
Roinn tìde CAT (UTC+2)
Ruith-airgid Dollar Siombabue
Prìomh àrainn-lìn .zw
Còd Àireamh fòn 263

'S e dùthaich ann Afraga a tha ann an Siombabue,[1][2][3] neo Zimbabwe;[4][5] ainm oifigeil: Poblachd Shiombabue.

Tha e suidhichte eadar an Abhainn Zambezi agus an Abhainn Limpopo. Tha crìochan aice sa deas le Afraga a Deas, san iar-dheas le Botsuana, san iar-thuath le Saimbia agus le Mòsaimbic san ear.

Thàinig an t-ainm bhon fhacal "Dzimbadzemabwe" (Cànan Shona). Tha e a’ ciallachadh: Taigh mòr à clachan.[6]

'S e Beurla an cànan oifigeil a tha ann an Siombabue ach tha an cuid as motha de na daoine a’ bruidhinn Shona, aon de na cànanan bho tùs a tha anns an dùthaich seo. 'S e Mount Nyangani (seann ainm: Mount Inyangani), (2,592 m; 8,504 ft);[7] a’ bheinn as àirde a tha ann an Siombabue. Tha e na laighe anns an Pairce Nàiseanta Nyanga san ear na dùthcha. Tha na Victoria Falls cliùiteach ri measg an luchd turais.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  6. Zimbabwe, History Department of UKZN.
  7. Zimbabwe Parks and Wildlife Management Authority

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Victoria Falls, agus an Abhainn Zambezi
Cairt: Zimbabwe
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: