Heinrich Wieland
Jump to navigation
Jump to search
B' e ceimigear às a' Ghearmailt a bha ann an Heinrich Otto Wieland.
Rugadh e 4 an t-Ògmhios 1877 ann an Pforzheim, Baden-Württemberg is bha e na oileanach aig Oilthighean Munich, Berlin is Stuttgart agus thill e gu Mhunich far an do sgrìobh e a theusais fo Johannes Thiele. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Mhunich ann an 1925. Nuair a bha na Nàsaich ann an greim, chuidich e oileanaich Iùdhaich a theicheadh do na Stàitean Aonaichte no leig iad obair sa dheuchainn-lann.[1]
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a’ bhliadhna 1927.[2] Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach aige air searbhagan dhomblasach. Chaochail e 5 an Lùnasdal 1957 ann an Starnberg, Bavaria.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Cox, David (3s dhen Iuchar 2015): “Science of resistance: Heinrich Wieland, the biochemist who defied the Nazis”. The Guardian. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1927”. Nobel Media AB. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2018.