Jump to content

Freiburg im Breisgau

O Uicipeid
Freiburg im Breisgau
Friburg im Brisgau (Swabianais)
Fribourg-en-Brisgau (Fraingis)
Cathair agus ceàrn bailteil
 
Bratach Gearradh-arm

Eaglais Fhreiburg
Map
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Freiburg im Breisgau
47°59′42″N 7°51′0″E
Dùthaich A' Ghearmailt
Stàit Baden-Württemberg
Sgìre-rianachd Freiburg
Mèar (2018[1] –) Martin Horn
Farsaingeachd 153.04 km²
Àirde 278 m
Àireamh-shluaigh 237,460 (2024)
Dlùths 1,551.62/km²
Àireamh fòn +49 (0) 761
+49 (0) 7664
+49 (0) 7665
Còd-puist 79098–79117
Clàradh carbaid FR
freiburg.de

'S e baile-oilthigh mòr, Gearmailteach ann an stàit Bhaden-Württemberg a th' ann am Freiburg im Breisgau (IPA: ˈfʁaɪbʊʁk ʔɪm ˈbʁaɪsɡaʊ; Swabianais: Friburg im Brisgau; neo dìreach Freiburg). 'S e an ceathramh baile as motha na stàite, às dèidh Stuttgart, Mhannheim agus Karlsruhe, leis gu bheil 237,460[2] duine a' fuireach ann agus aon 660,000 duine a' fuireach ann an sgìre mheatropoileach nas motha Fhreiburg.[3]

Tha am baile air bun-chnuic na Coille Duibhe ri taobh Aibhinn Dhreisam, agus a chrìochan-baile ach 3 km gu ear air a' chrìoch Fhraingeach agus 42 km bho bhaile Eilbheiseach Bhasel. 'S ann ann am Baden, aon dhe sgìrean as blàithe anns a' Ghearmailt, a tha Freiburg suidhichte, far an dèanar fìon. A-rèir stadastaireachd na t-sìde, b' ann anns a' bhaile a chaidh teothachd as àirde na dùthcha san uair (40.2 °C) a clàradh ann an 2003.[4]

Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1457.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Freiburg co-cheangailte ri:[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Oberbürgermeisterwahl Freiburg im Breisgau 2018 (sa Ghearmailtis) le Staatsanzeigen. Air inntrigeadh 22-02-2026.
  2. Statistisches Landesamt Baden-Württemberg – Tabellengruppe 12411: Fortschreibung des Bevölkerungsstandes zum 31. Dezember 2024 (sa Ghearmailtis) le Roinn Stadastaireachd Stàit Bhaden-Württemberg. Air inntrigeadh 22-02-2026.
  3. Metropolitan areas (sa Bheurla) ann an stats.oecd.org. Air inntrigeadh 14-08-2020.
  4. Der Rekordsommer 2003 (sa Ghearmailtis) le Deutscher Wetterdienst. Air inntrigeadh 22-02-2026.
  5. Partnerstädte (sa Ghearmailtis) ann am freiburg.de. Air inntrigeadh 03-02-2021.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]