Na h-Eileanan a-staigh
'S e buidheann de eileanan san àird an iar-thuath na h-Alba a tha anns na h-Eileanan a-staigh. Tha an cuid as motha dhiubh nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd, ged a tha an t-Eilean Sgitheanach agus na h-eileanan beaga a tha timcheall air ceangailte le Comhairle a’ Ghàidhealtachd.
Tha roinn na turasachd gu math làidir air na h-eileanan. Tha na h-Eileanan a-staigh ainmeil cuideachd airson uisge-beatha, m.e.: Laphroaig neo Talisker. Tha mòran taighean–stail ann, gu h-àraidh air Ìle.
[deasaich] Na deich eileanan as motha
| Ainm | Farsaingeachd ( km²) | Muinntir an àite (2001) | An t-àite as àirde (meatair) |
|---|---|---|---|
| an t-Eilean Sgitheanach | 1.385/1.656,31 | 9.282 | 993 |
| Muile | 875,4 | 2.667 | 966 |
| Ìle | 619,6 | 3.457 | 491 |
| Diùra | 366,9 | 188 | 785 |
| Rùm | 104,6 | 22 | 812 |
| Tiriodh | 78,3 | 770 | 141 |
| Colla | 76,9 | 164 | 104 |
| Colbhasa | 40,7 | 108 | 143 |
| Eige | 30,5 | 67 | 393 |
| Lios Mòr | 23,5 | 146 | 127 |
1 a-rèir dè na tùsan a chleachdar
[deasaich] Sa Tuath
Tha na h-Eileanan a-staigh a Tuath a’ gabhail a-steach an t-Eilean Sgitheanach, na h-Eileanan Tarsainn agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air an Eilean Sgitheanach. Tha iad nam pàirt den Chomhairle a’ Ghàidhealtachd. Seo cuid den fheadhainn bheaga:
- Na h-Eileanan Ascrib
- Na h-Eileanan Cròlainneach
- Ìosaigh
- Longaigh
- Eilean Orasaigh
- Ratharsair
- Pabaigh
- Sgalpaigh
- Sòdhaigh
- Rònaigh
- Tròndaigh
- Bhuia neo Fùidheigh
- Na h-Eileanan Samhraidh
[deasaich] Sa Deas
Tha na h-Eileanan a-staigh a Deas a’ gabhail a-steach Muile, Ìle, Diùra, na Slate Islands, na Treshnish Islands agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air Muile. Tha iad nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd. Seo cuid den fheadhainn bheaga: