Eilean nam Muc
Tha Eilean nam Muc (IPA: [ˈelan nə 'muxk]) na eilean anns na h-Eileanan Tarsainn. Tha an t-eilean 2. 5 mìle (4 cilemeatair) a dh'fhad. Tha e cho farsaing ri 2.2 mìle ceàrnagach. Mar sin 's e Eilean nam Muc an t-eilean as lugha a tha anns an innis-mhuir seo.
Anns a' bhliadhna 2001 bha 30 daoine a' fuireach air an eilean. 'S e Port Mòr am port-mara aige, tha an cuid as motha de na daoine a’ fuireach an seo. 'S e an tuathanas Gallanach an tuineachadh eile a tha ann.
'S e Beinn Airein (137 meatair) a’ bheinn as àirde a tha air an eilean.
Chaidh an cidhe ann am Port Mòr a thogail anns a’ bhliadhna 2005. Cleachdar na h-aiseagan Chaledonian Mac a' Bhruthainn e. Tha an aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar Mallaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eilean nam Muc.
Tha Eilean nam Muc ainmeil airson nan ròin agus nan mucan-bhiorach a tha gu math iomadach anns a’ mhuir timcheall air an eilean.
Chan eil an t-ainm "Eilean nam Muc" ceangailte leis an fhacal "muc" idir. 'S e ainm goirid airson muc-mhara a tha ann. [1]
Iomraidhean[deasaich]
- ↑ . Iain Mac an Tàilleir, "Placenames", duilleag 21, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach[deasaich]
- Eilean nam Muc - Duilleag oifigeil
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NM 408 794