Sòdhaigh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Arcasaidh Sòdhaigh anns an Soay Sound

'S e aon de na h-eileanan anns na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Sòdhaigh. Thàinig an t-ainm aige bhon fhacal Seann Lochlannais so-øy, a tha a’ ciallachadh “Eilean nan caoraich”.

Cruinn-eòlas[deasaich | edit source]

Tha Sòdhaigh suidhichte dìreach san àird a deas an Eilean Sgitheanach, an t-eilean as motha de na h-Eileanan a-staigh. Tha an Soay Sound eadar an Eilean Sgitheanach agus Sòdhaigh. Tha Rùm san àird a deas dheth. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 9' 0" Tuath is 6° 13' 48" Iar

Tha Sòdhaigh cho farsaing ri 10,4 cilemeatair ceàrnagach. Le 141 meatair a dh’àrd, 's e Beinn Bhreac a’ bheinn as motha a tha air an eilean. San àird a tuath tha Arcasaidh Sòdhaigh agus san àird a deas tha Camas nan Gall ann. 'S e Mol-chlach faisg air cladach Camas nan Gall an clachan as motha, sa’ bhliadhna 2001 bha 7 daoine a’ fuireach ann. [1].

Eachdraidh[deasaich | edit source]

Factoraidh òla

'Sa bhliadhna 1851 bha 158 de shluagh ann. Ach aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a-uile duine an eilean fhagail airson Sòdhaigh a chur fo chaoraich.[2]

Ann an 1946 cheannaich an sgrìobhadair Gavin Maxwell an t-eilean agus chuir e factoraidh air bhonn airson òla a dhèanamh à cearbanan mòra (Laideann: Cetorhinus maximus). Ach an dèidh trì bliadhnaichean b’fheudar dha am factoraidh a dhùnadh.[3]Gus na làithean an-diugh chan eil mòran cearbanan air fhagail timcheall air Sòdhaigh.

Ann an 1953 dh’imrich an cuid as motha de mhuinntir an àite a Mhuile. Bhon àm sin chan eil mòran dhaoine a’ fuireach ann.

B’ ann ann an Sòdhaigh a bha a’ ciad siostam fòn air feadh an t-saoghail a bha ag obrachadh le cumhachd na greine.

Stampaichean[deasaich | edit source]

Eadar 1965 is 1967 chaidh stampaichean air foillseachadh ann an Sòdhaigh. Bha iad a’ sealltainn ìomhaighean na h-Eòrpa. Bha cuid a' sealltainn Winston Churchill cuideachd. Ged a bha an fheadhainn seo foillsichte gun chead, tha cruinnichean-stampaichean gan iarraidh fhathast. [4]

Giùlan[deasaich | edit source]

S’ urrainnear a dhol a Shòdhaigh le bàta à Ealaghol.

Fiosrachadh eile[deasaich | edit source]

Leabhraichean[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. islands-of-scotland
  2. Perrott, David (1988). Guide to the Western Islands of Scotland. Edinburgh: Kittiwake. ISBN 0702808865. 
  3. "Soay Overview". Gazetteer for Scotland. A' tarraing air 2007-07-22.
  4. "Modern British Local Posts CD Catalogue, 2009 Edition". Phillips (2003). A' tarraing air 2008-12-8.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: