Ìle
O Uicipeid
'S e fear de eileanan na h-Albann a tha ann an Ìle, le farsaingeachd 600km² agus mu 3000 de shluagh. Tha e suidhichte ann an Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid.
'S e am Bogha Mòr a phrìomh-bhaile, agus faisg air tha a' cholaiste Ghàidhlig Ionad Chaluim Chille Ìle. Ann am Port Ìlein, an dàrna baile as motha den eilean, bidh aiseagan a' ruith gu Ceann na Creige.
Tha an taigh–staile Laphroaig suidhichte san àird a deas an eilein.