Tiriodh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
A' coimhead siar gu Baigh Baile a' Phuill, tarsainn a' mhachair.
Seann taigh 'breac' air urachadh.
Iomhaigh dreagaire dha Tioraidh.

Tha eilean Thiriodh anns na h-Eileanan a-staigh, don iar-dheas air Eilean Cholla. Tha e suidhichte ann an Roinn Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid. Tha timcheall air 800 duine a' fuireach anns an eilean. 'S e eilean ìosal, torrach a th' ann agus a bharrachd air turasachd 's e croitearachd am beòshlaint as motha aig muinntir an eilein.

'S e Sgairinis prìomh-bhaile Thiriodh. Bidh bataichean-aiseig a' seòladh a Sgairinis gu ruige Àirigh nan Gobhar air Colla agus an t-Òban air tìr-mòr Alba. Tha cuideachd port-adhair beag faisg air a' bhaile. A-measg bailtean eile an eilein tha Haoidhnis agus Sanndaig, le taighean-tasgaidh beaga 'san dà chuid.

Tha Tiriodh cliùiteach air sgath an Dùin Mhòir, brugh bhon chiad linn RC, Clach a' Choire, clach snaidhte àrsaidh agus airson eòin rubha Cheann a' Bhara. Thathar a' tighinn a Thiriodh cuideachd airson seòladh-clàir agus tha stèisean-rèadair air an eilean a tha a' cumail sùil air plèanaichean catharra.

Ann an 1770, 's ann le ceithir tuathanaich deug a bha air talamh a thraoghadh airson arbhair agus ionaltraidh a bha dàrna leth an eilein. Seach a bhith a' cur air falbh crodh beò (a bhiodh tric claoidhte as dèidh an turais fhada don mhargaidh agus air nach fhaighte prìsean àrda), thòisich iad air cur air falbh feòil-mhairt shaillte ann am baraillean, air an robh fèill na bu mhotha. Bha an corr den eilean air a chur a-mach air mhàl do dhà fhichead 's a còig buidhnean de dh'àitreabhaichean air tuathanasan co-chomuinn: buidhnean àiteachaidh a bh' air a bhith ann dh'fhaoidte o linn nan cinnidhean. Bhathar a' toirt seachad talamh-croit tro bhot bliadhnail agus bhathar a' taghadh cinn-latha cur agus buain le chèile. Chaidh aithris ann an 1774 gun robh muinntir Thiriodh well-clothed and well-fed, having an abundance of corn and cattle.

Tha toglaichean an eilein ainmeil, nam measg 'taighean dubha' agus 'taighean geala' - tha an seann tughadh fhathast air tòrr aca seo - agus na taighean 'breaca' nach fhaighear ach air an eilean, far a bheil an t-aol air a pheantadh geal.

Tha tòrr luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Tiriodh (48.6% a-rèir Cunntas-sluaigh 2001), ceudachd àrd airson nan Eileanan a-Staigh.

Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil an t-ainm a' ciallachadh 'Eilean an Arbhair', air sgath mar a bhiodh Tiristich a' reic gràn do na manaich ann an Abaid Eilein I, air an ear-dheas, agus don Aba Calum Cille (b. 597), san t-siathamh linn. Bha grunn mhanachainn Crìosdail Ceilteach ann an Tiriodh fhèin aig aon am, agus tha clachan snaidhte ann an corra àite bhon linn seo, me. Teampull Naomh Phàdraig, Ceann a' Bhara (NL 938 401) agus Soiribidh(NL 984 416).

Chaidh port-adhair feachd an adhair (RAF) a thogail air Tiriodh tron Dàrna Cogadh agus chaidh a chleachdadh mar phort-adhair chatharra as dèidh a' Chogaidh. Bha cuideachd Stèisean-rèadair RAF aig Cill Choinnich agus fear eile aig Beinn Hogh. Bha stèisean-tamaill aig Goirtean Dhòmhnaill rompa seo agus as dèidh a' Chogaidh bha stèisean-reudair ROTOR aig an RAF aig Beinn Ghot.

Bàrdachd Thirisdeach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà leabhar mu na bàird Thirisdeach

  • Rev. Hector Campbell (1932) 'Na Bàird Thirisdeach' Stirling
  • Eric Creegan & Donald W. MacKenzie (1978) 'Tiree Bards and Their Bardachd' Isle of Coll, Argyll: Society of West Highland & Island Historical Research ISBN 0906366003

Na Bàird Thirisdeach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Dughallach, Donnchach (1841) "Laoidhean Spioradail a chum cuideachadh le Crabhadh nan Gael" Printed by John Niven & Son, Glasgow.

Eagar Earra Ghaidheal[deasaich | deasaich an tùs]

(25.06.2010) Dh'fhoillsich Scottish Renewable Power, aig toiseach Ògmhios 2010, sgeama 's an amharc, a thogail tuathanas gaoithe de 500 muilnean air an Sgeir Mhòir 5km iar-dheas a Tiriodh. Cosgaidh an leasachadh seo mu £6,000,000,000 Breatannach agus tha dùil gun adhbharaich e àrdachadh sluagh an Eilein bho 800 daoine gu 1100 daoine, le ceudan a bharrachd air sin a' còmhnaidh air an eilean fad 's a bhios an obair togail a' dol air adhart.

Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • Camshron, An t-Urr. Eachunn. (1938). 'Tiriodh', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 59-66.
  • Meek, Dòmhnall (1980). 'Aimhreit an Fhearainn an Tiriodh, 1886', ann an Oighreachd agus Gabhaltas, deas. Dòmhnall MacAmhlaigh. Obar-Dheadhan: Roinn an Fhoghlaim Cheiltich Oilthigh Obar-Dheadhan. dd. 23-31.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]