Sgalpaigh an t-Sratha
O Uicipeid
'S e eilean beag a tha ann an Sgalpaigh neo Sgalpaigh an t-Sratha. Tha e suidhichte san àird a deas Ratharsair faisg air oirthir an Eilein Sgitheanaich. Tha e na phàirt de na h-Eileanan a-staigh. Tha e cho farsaing ri 2,483 heactair (9.6 mìltean ceàrnagach). Anns a’ bhliadhna 2001 bha 10 daoine de shluagh ann.
'S e "Mullach na Càrn" (396 meatair neo 1,300 troigh) a’ bheinn as àirde a tha ann.
Tha an cuid as motha den eilean còmhdaichte le fraoch. Tha tuathanas fèidh ann.
Thàinig an t-ainm Sgalpaigh bhon Seann Lochlannais agus tha e a’ ciallachadh: "Eilean na luinge". Canar "Sgalpaigh an t-Sratha" ris cuideachd airson sealltain gu bheil e eadar-dhealaichte bhon eilean Sgalpaigh faisg air na Hearradh.[1]
[deasaich] Iomradh
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 103, Pàrlamaid na h-Alba
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- Duilleag oifigeil
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 605 315
