Luinn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Rathaid gu Culapoll
Eaglais bheag Cill Chatain

Is e An t-Eilean Luinn aon de na h-eileanan sglèat, ann an Lathurna, agus faisg air an Òban. Tha e suidhichte ann an Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.

Is iad na bailtean Tobar Dhonnchaidh, Culapoll agus Black Mill Bay. A-nis, is iad na prìomh ghnìomhachasan turasachd, a' glacadh nan giomach, agus tuathanachas mhart.

Tha Luinn ainmeil airson dà rud: gnìomhachais an sglèat, agus pailteas luchd-buannachaidh aig a' Mhòd.

Bha gnìomhachais an sglèat cudromach anns an eilean, le cuaraidhean ann an Tobar Dhonnchaidh, gus an deach an cuaraidh mu dheireadh a dhùnadh ann an 1939.

Bhuannaich Nan NicAonghais bonn òr a' Mhòid ann an 1926, Sandy Brown ann an 1938, agus Hughie MacCuidhein ann an 1985.

'S Luinneach a chanar ri duine a bhuineas do Luinn, no piocach mar far-ainm.

Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • NicCoinnich, Liusaidh (1938). 'Èisdeal agus Luinn', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 136-143.
Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: