Na h-Eileanan Tarsainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Na h-Eileanan Tarsainn air mapa nan Eileanan Siar

'S e innis-mhuir bheag a tha anns na h-Eileanan Tarsainn. [1] Tha iad suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh san àirde an iar Alba. Tha an t-Eilean Sgitheanach san àird a tuath dhiubh agus tha Muile san àird a deas.

Tha na h-Eileanan Tarsainn a' gabhail a-steach ceithir eileanan mòra. Seo iad:

Seo Rùm an t-eilean as motha a tha anns na h-eileanan seo.

Tha iad na phàirt de Loch Abar. Gus 1891 bha Canaigh, Rùm is Eilean nam Muc nam pàirt den Earra-Ghàidheal, agus bha Eige na phàirt den Siorrachd Inbhir Nis. Eadar 1891 is 1975 bha iad uile nam pàirt den Siorrachd Inbhir Nis.

Tha mòran eileanan beaga agus sgeirean timcheall air na h-Eileanan Tarsainn cuideachd. Seo feadhainn aca:

  • Sandaigh, faisg air Canaigh
  • Eilean Chathastail, faisg air Eige
  • Eilean nan Each san àird a tuath Eilean nam Muc
  • Òigh-sgeir (na bi a' meascachadh le Heisker neo Eilean Heisgeir faisg air Uibhist a Deas)
  • Garbh Sgeir,
  • Eagamol, faisg air Eilean nan Each
  • Humla
  • da àite leis an ainm Dubh Sgeir
Sealladh air Eige leis na beanntain Rùm air a chulaibh

Iomradh[deasaich | edit source]

  1. Faclair SMO