Canaigh
'S e Canaigh [2] an t-eilean as fhaide iar a tha anns na h-Eileanan Tarsainn. Anns a’ bhliadhna 2006 bha 19 daoine a’ fuireach an seo.
Tha Canaigh ainmeil airson nan eòin aige.
Susbaint |
Cruinn-eòlas [deasaich]
Tha Canaigh mu 7 cilemeatair (4.3 mìltean) a leud agus 1.5 cilemeatair (0.9 mìle) air fhad. Tha an t-eilean Òigh-sgeir (Beurla: Haiskeir) mu 10 cilemeatair san àirde an iar-dheas Chanaigh. Tha an t-eilean ceangailte le Sandaigh le drochaid.
'S e an "Càrn a' Ghaill" an cnoc as àirde air Canaigh le 210 meatair (689 troigh) air àirde. San àird an iar na h-eilein tha "Ceann Creag-airighe" le 130 meatair air àirde.
Eachdraidh [deasaich]
Bha Canaigh aig Iain Latharna Caimbeul, seinneadair agus sgoilear Gàidhlig. Anns a’ bhliadhna 1981 thug e an t-eilean don National Trust for Scotland, ach bha cead aige a bhith a’ fuireach ann an Taigh Chanaigh, gus an do chaochail e ann an 1996. Chum Margaret Fay Shaw, a’ bhean aige, air cruinneachadh stuthan Gàidhlig, gus an do chaochail i anns a’ bhliadhna 2004, bha i 101 bliadhna a dh’ aois.[3] Fhàg i an leabharlann agus an tasglann fìor-mhath a tha ann an Taigh Chanaigh don Hebridean Trust. Tha planaichean aca gum bi an leabharlann fosgailte mar àite rannsachaidh do a h-uile duine.
Giùlan [deasaich]
Tha port na mara mòr nàdarrach ann a tha suidhichte eadar Canaigh agus Sandaigh. Anns a’ bhliadhna 2005 leudaicheadh an cidhe. Cleachdar na h-aiseagan Chaledonian Mac a' Bhruthainn e. Tha an aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar Mallaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ RCAHMS. "Information on Coroghan Castle". A' tarraing air 2007-04-20.
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Road to the Isles. "Canna". A' tarraing air 2007-04-20.
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 244 058
- Canna - an Island Story Bhideo mu Chanaigh