Lios Mòr

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sealladh air Lios Mòr agus na beanntain Kingairloch
Caisteal Achanduin ann an Lios Mòr
Caisteal Choeffin ann an 1995

'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Lios Mòr (IPA: [ʎis̪ moːɾ]) Tha e suidhichte san àird an iar na h-Alba. Tha e san àird an earra-thuath Mhuile ann an Loch Dubh. Bha an t-eilean aig an t-Siorrachd tradaiseanta Earra-Ghaidheal; a-nise tha e fo smachd Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd.

Tha Lios Mòr 12 cilemeatair a dh’fhad agus 2 cilemeatair a leud le 5,809 acair ceàrnagach de mheud. 'S e Achadh na Croise am baile as motha. 'S e Barr Mòr (127 meatair; 416.7 troigh) a’ bheinn as àirde anns an eilean. Tha Taigh-solais Lios Mhòir suidhichte ann an Eilean Musdile san àirde an iar deas Lios Mhòir. Chaidh an taigh-solais a thogail le Robert Stevenson. Tha broch Cruithneach faisg air Tirfuir, tha na ballaichean aige cho àrd ri 15 troighean agus cho tiugh ri 19 troighean. Cuideachd tha dà chaisteal às an 13mh linn ann, Caisteal Choeffin agus Caisteal Achanduin.

Anns a’ bhliadhna 2001 bha 146 duine a' fuireach ann. [1] Tha dìreach aon bhùth ann, far a bheil oifis a' phuist cuideachd. Tha bun-sgoil ann an Lios Mòr ach airson àrd-sgoil feumaidh a' chlann a dhol don Oban.

Tha Lios Mòr ceangailte le Tìr mòr na h-Alba le dà aiseag. Tha an t-aiseag airson chàraichean a’ ruith don Oban, agus aiseag airson daoine a-mhàin eadar ceann a tuath na h-eilean agus Port Appin.

B' àbhaist do Lios Mòr a bhith na teis-mheadhan Crìosdaidheachd. Bha manachainn ann a chaidh a chuir air bonn le Naomh Moluag, (530 - 592), manach à Èirinn co-aoiseach le Calum Cille. Anns na Meadhan-Aoisean bhiodh easbaigean Earra-Ghaidheal a’ fuireach ann an Caisteal Achanduin gus an 16mh linn.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. "Scotland's Island Populations". Scottish Islands Federation. A' tarraing air 2008-11-01.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]