Rònaigh
'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Rònaigh (IPA: [ˈrˠɔːnaj], Beurla: Rona). Uaireigin canar Rònaigh a Deas dha airson sealltainn gu bheil e eadar-dhealaichte bho Rònaigh a Tuath faisg air Sula Sgeir. Tha Rònaigh suidhichte eadar an Eilean Sgitheanach agus leth-eilean A' Chomraich. Tha Ratharsair san àird a deas dheth.
Tha an t-eilean cho farsaing ri 3.6 miltean ceàrnagach, agus ‘s e Meall Acairseid an t-àite as àirde, tha e 125 meatair (410 troigh) a dh’àird. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 34′ 0″ Tuath agus 5° 59′ 0″ Iar.
Thàinig an t-ainm Rònaigh bhon fhacal Seann Lochlannais Hrauney , agus tha e a’ ciallachadh "Eilean sturrach". [1]
'B e Acarsaid Mhòr an tuinneadh as motha a bha ann. Ged a bha 180 duine a' fuireach anns an eilean anns a' bhliadhna 1881 chan eil ach dithis a bha ann anns a’ bhliadhna 2001. Tha manaidsear an eilein a' fuireach ann an Rona Lodge, far a bheil leabaidh is bracaist. Tha taighean beaga air mhàl ann an Acarsaid Thioram cuideachd.
Tha aiseag a’ dol eadar Port Rìgh agus Rònaigh dà turas gach seachdain.
Iomraidhean [deasaich]
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 618 599
- Duilleag eadar-lion Rònaigh