Tròndaigh

O Uicipeid
Tròndaigh

'S e eilean anns na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Tròndaigh (Beurla: Trodday). Tha e suidhichte san àird a tuath an Eilein Sgitheanaich. Tha e mu dà chilemeatair air falbh bho Rubha na h-Aiseig ann an Trondairnis. Tha an eilean cho àrd ri 45 meatair. Chan eil duine sam bith a’ fuireach ann. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 43′ 32.88″ Tuath agus 6° 17′ 58.92″ Iar.

Thàinig an t-ainm Tròndaigh às an Seann Lochlannais leis an ciall: "Ceann-tìre Thrond". [1]

Tha taigh-solais ann an Tròndaigh a chaidh a thogail anns a’ bhliadhna 1908 le Charles Alexander Stevenson. [2]

San 1 an t-Iuchar 2006 chaidh am bàta Brothers BF 138 air tràigh. Chan eilear cinnteach dè thachair. Chaidh aon fhear dhuibh a lorg air cladach na tìr-mòir 18 an Iuchar 2006, bha e marbh. Tha an dàrna fhear air ionndrainn fhathast. Bha an Marine Accident Investigation Branch den bbeachd gun do thachair sin air sgàth 's gun do dh'fhàs na h-iasgairean sgìth. [3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 114, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Taighean-solais a chaidh a thogail le Charles Alexander Stevenson(Beurla)
  3. Marine Accident Investigation Branch (Beurla)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]