Eilean Orasaigh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sealladh air Eilean Orasaigh bho Eilean Iarmain
Air culaibh: Taigh-solais Orasaigh ann an Eilean Sionnach, air beulaibh: Solas air Eilean Orasaigh

'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Eilean Orasaigh [1] (Beurla: Ornsay). Tha e suidhichte san àird an ear leth-eilean Slèite anns an Eilean Sgitheanach. Ma bhios a' mhuir air falbh, s'urrainnear coiseachd ann bho Eilean Iarmain. Tha e cho farsaing ri 35 heactair agus tha an t-àite as àirde cho àrd ri 46 meatair. Tha acarsaid nadarra ann. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 8′ 48″ Tuath, 5° 47′ 12″ Iar. Chan eil duine sam bith a' fuireach ann.

Thàinig an t-ainm Orasaigh bhon fhacal Seann Lochlannais Örfirirsey, agus tha e a’ ciallachadh "Ebb island". [2]

Tha taigh-solais Orasaigh suidhichte ann an Eilean Sionnach, eilean beag dìreach faisg air Eilean Orasaigh. Chaidh a thogail anns a' bhliadhna 1857 le David agus Thomas Stevenson. [3]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. "Placenames", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba (fo "Isleornsay")
  2. "Placenames", duilleag 93, Pàrlamaid na h-Alba
  3. Taigh-solais Orasaigh (Beurla)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 710 125