Talisker

O Uicipeid
Taigh–staile Thalisker

'S e seòrsa uisge-beatha a tha ann an Talisker. Tha an taigh–staile suidhichte ann an Càrrabost air an Eilean Sgitheanach. 'S e an t-aonar fear a tha air an eilean.

Chaidh an taigh-staile a chur air bonn 1830 le Hugh agus Kenneth MacAskill. An-diugh tha e aig a' chompanaidh Diageo agus air a ruith leis na United Distillers and Vintners.

Tha blas Thalisker rud beag saillte agus tha e làidir air mòine.

Mar is trice tha e 10 neo 18 bliadhna a dh'aois, ach bhon bhliadhna 2000 thòisich iad botailean a reic a tha 20 bliadhna is 25 bliadhna a dh'aois.

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]