Ceimigeachd
Fo-sheòrsa de | physical sciences |
---|---|
Ainmichte às dèidh | alchemy |
Na bh’ann roimhe | alchemy |
Is the study of | co-thàth, group or class of chemical substances, Eileamaid cheimigeach, chemical substance |
Hashtag | chemistry |
Feart | branch of chemistry, chemical nomenclature |
History of topic | history of chemistry |
Practiced by | ceimigear, chemistry student |
Entry in abbreviations table | kimya. |
Stack Exchange site URL | https://chemistry.stackexchange.com |
Is e ceimigeachd saidheans nan stuthan agus an eadar-oibre aige le lùth, gu h-àraid na dòighean mar a dhealbhas ataman, moileciuilean, agus buadhan cheimigeach. Tha e a' dèiligeadh le stuth, mar eileamaidean is co-thàthaidhean ceimigeach agus ciamar a tha iad ag iom-obrachadh ri chèile.
Tha na meuran cheimigeachd nas cudromach nan:
- Ceimigeachd anailiseach
- Ceimigeachd neo-fhàs-bheairteach
- Ceimigeachd fhàs-bheairteach
- Ceimigeachd fhiosaigeach
Tha meacanaigs quantumach cudromach airson na thachair ann am moileciuilean a thuigsinn.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]- Thoisich ceimigeachd nuadh nuair a sgrìobh Raibeart Ò Baoghail The Skeptical Chymist ann an 1661 far an do dh'eadar-sgaraich e ceimigeachd on sgoil na cumaisg.
- Mhol John Dalton teòiridh nan ataman ann an 1805.
- Ann an 1828 dhearbhaich Friedrich Wöhler gum b' urrainn dha urea a cho-chur o stuth neo-fhàs-bheairteach.
- Mhol Dmitri Mendeleev an clàr pillteach ann an 1871.
Na h-eileamaidean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha na h-eileamaidean roinnte eadar meatailtean, meataloighdean agus neo-mheatailtean. Is atam an t-aonad bu lugha de gach eileamaid, agus tha gach atam dèanta suas de niùclas, agus sligean eileagtronach a tha gan chuairteachadh. Tha gach atam fa-leth na staid as cunbhalach nuair a tha na sligean eileagtronaich aice làn. Is feart de meatailtean, gun choisinn iad inbhe cunbhalas le toirt seachad na dealanaich a tha anns an slige a-muigh aca, agus is feart de neo-mheatailtean gun choisinn iad cunbhalas le gabhail na dealanaich a tha dith orra a lìonaich na slige-dhealain a-muigh aca.
Nuair a thig atam de mheatailt agus atam de neo-mheatailt còmhla, cruthaichear tàthadh aidheonach eadarra. Tha sin ri ràdh gu gèill an meatailt dealanach chun neo-mheatailt, a' fàgail slige a-muigh a' mheatailt ban agus slige a-muigh an t-anamheatailt làn. Canar aidheonan ri na mirean seo.
Clàr pillteach | |||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
|