Jump to content

Hermann Staudinger

O Uicipeid
Hermann Staudinger
Beatha
Breith Worms, 23 dhen Mhàrt 1881
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Freiburg im Breisgau, 8 dhen t-Sultain 1965
Àite-adhlacaidh Hauptfriedhof Freiburg (en) Translate
Teaghlach
Cèile Magda Staudinger (en) Translate
Dora Staudinger (en) Translate  (1906 -  1926)
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Halle-Wittenberg
ETH Zurich (en) Translate
Stiùiriche an teusais Daniel Vorländer (mul) Translate
Oileanaich dotaireachd Leopold Ružička
Cànain Gearmailtis
Oileanaich Leopold Ružička
Dreuchd
Dreuchd ceimigear, einnseanair agus neach-teagaisg oilthigh
Àitichean-obrach Freiburg im Breisgau
Fastaichean Oilthigh Freiburg
ETH Zurich (en) Translate
Institiuid Teicneolas Karlsruhe
Oilthigh Strasbourg
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina
Acadamh nan Saidheansan is Daonnachdan ann an Heidelberg
Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan

B' e ceimigear às a' Ghearmailt a bha ann an Hermann Staudinger (Worms 23 am Màrt 1881Freiburg im Breisgau 8 an t-Sultain 1965). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1953 airson a nuadh-lorgan ann an ceimigeachd mhòr-mhoileciuileach.[1]

Rugadh e ann am Worms is bha e na oileanach aig Oilthigh Halle. Chaidh e na ollamh ann an Karlsruhe ann an 1907 agus dh'obraich e aig an ETH ann an Zürich eadar 1912 is 1926, far an do rinn e obair chudromach air poilimearan. As dèidh sin chaidh e gu Oilthigh Fhreiburg far an do mhair e fad a bheatha.[2]

Ann an 1920, mhol Staudinger gun robh moileciuilean glè mhòr is glè throm ann an stuthan mar rubar. Aig an àm siud, chreid luchd-saidheans gun robh agragaidean de moileciuilean beaga a bha ann an rubar agus poilimearan eile. Chleachd Staudinger viscometry is dhearbhaich e a bheachd-bharail.[3]

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Die Ketenen ('Na Ceiteanan', 1912)
  • Anleitung zur organischen qualitativen Analyse ('Ro-ràdh do dh'anailis chàileachdail fàs-bheairteach', 1923)
  • Tabellen zu den Vorlesungen über allgemeine und anorganische Chemie ('Clàraichean airson òraidean air ceimigeachd choitcheann agus ceimigeachd neo-fhàs-bheairteach', 1927)
  • Die hochmolekularen organischen Verbindungen, Kautschak und Cellulose ('Na co-thàthaidhean àrd-mhoileciuileach, rubar agus ceallalos', 1932)
  • Organische Kolloidchemie ('Ceimigeachd na colloidean fàs-bheairteach', 1940)
  • Makromolekulare Chemie und Biologie ('Ceimigeachd mòr-mhoileciuileach agus bith-eòlas mòr-mhoileciuileach', 1947)
  • Vom Aufstand der technischen Sklaven ('Aramach na tràille theicnigeach', 1947)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. The Nobel Prize in Chemistry 1953”. Nobel Media AB. Air a thogail 6mh dhen Fhaoilleach 2020.
  2. Hermann Staudinger - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 7mh dhen Fhaoilleach 2020.
  3. Foundations of Polymer Science: Hermann Staudinger and Macromolecules”. American Chemical Society International Historic Chemical Landmarks. Comann Aimeirigeach na Ceimigeachd. Air a thogail 6mh dhen Fhaoilleach 2020.