Karlsruhe
| Karlsruhe | |
| Kailsruh (Francòinis a Deas) | |
| Cathair agus ceàrn bailteil | |
| Bratach | Gearradh-arm |
Lùchairt Karlsruhe | |
![]() | |
| 49°1′0″N 8°24′0″E | |
| Dùthaich | |
| Stàit | |
| Sgìre-rianachd | Karlsruhe |
| Àrd-mhèar (2020[1] –) | Frank Mentrup |
| Farsaingeachd | 173.46 km² |
| Àirde | 115 m |
| Àireamh-shluaigh | 309,964 (2023) |
| Dlùths | 1,786.95/km² |
| Àireamh fòn | +49 (0) 721 |
| Còd-puist | 76131–76229 |
| Clàradh carbaid | KA |
| karlsruhe.de | |
‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Gearmailte a th’ ann an Karlsruhe, neo Carlsruhe roimhe sin (IPA: ˈkaɐ̯lsʁuːə').
Tha an t-ainm a’ ciallachadh 'fois Theàrlaich' sa Ghearmailtis, leis gu bheil sgeul ann gun do dh'aisling Crìochair Teàrlaich III Uilleam Bhaden-Durlach mu lùchairt ùir a stèidheachadh airson a bhean a theàrnadh. Chaidh am baile a stèidheachadh ann am 1715 ri taobh Abhainn Rhein anns an stàit Bhaden-Württemberg. Tha am baile 526km air falbh bho Bherlin, prìomh-bhaile na dùthcha, 253km bho Mhünchen, 64km bho Stuttgart agus dìreach 27km bho Pforzheim.[2]
Tha 288,917 daoine a' fuireach ann an Karlsruhe, leis gur e dàrna baile Bhaden-Württemberg agus an 21mh baile as motha anns an dùthaich.[3]
B' e am baile prìomh-bhaile Àrd-Dhiùcachd Bhaden eadar 1803 gu 1918. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1970. Tha Àrd-chùirt na Gearmailte air a stèidheachadh ann an Karlsruhe cuideachd.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Karoline von Günderrode (1780–1806), bàrd romasach
- Carl Benz (1844–1929), uidheam-innleadair agus innliche na chiad chàr
- Hermann Billing (1867–1946), ailtire art nouveau
- Richard Martin Willstatter (1872–1942), ceimigear organach agus buannaiche Duais Nobel airson Ceimige 1915
- Hans Frank (1900–1946), eucoireach-cogaidh agus àrd-riaghladair na Pòlainne fo fhor-ghlacadh Nàsach
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]
Brusque, Braisil
Halle (Saale), a' Ghearmailt[4]
Krasnodar, an Ruis[5]
Nancy, an Fhraing[6]
Nottingham, Sasainn[7]
Timișoara, Romàinia[8]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Oberbürgermeisterwahl Karlsruhe 2020 (sa Ghearmailtis) le Staatsanzeiger. Air inntrigeadh 21-02-2026.
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Karlsruhe (Deutschland) (sa Ghearmailtis) le Comhairle Baile Halle (Saale). Air inntrigeadh 21-02-2026.
- ↑ Karlsruhe - Krasnodar Freundschaftsgesellschaft e.V. (sa Ghearmailtis). Air inntrigeadh 21-02-2026.
- ↑ 70 years of friendship in action: New themed city tour on the twinning of Karlsruhe and Nancy (sa Bheurla) le KTG. Air inntrigeadh 21-02-2026.
- ↑ Partnerstadt Nottingham - Heimat von Rebellen, Pionieren und Robin Hood (sa Ghearmailtis) le Comhairle Karlsruhe
- ↑ Orașe înfrățite le (san Romàinis) Primăria Municipiului Timişoara. Air inntrigeadh 21-02-2026.
