George E. Smith
Coltas
George E. Smith | |
---|---|
Beatha | |
Breith | White Plains (en) , 10 dhen Chèitean 1930 |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Chicago 1959) Dotair Feallsanachd Oilthigh Phennsylvania 1955) Baidealair nan Saidheansan |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | fiosaigiche, neach togail dhealbhan, neach-saidheans agus innleachdair |
Fastaichean | Bell Labs (mul) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
Acadamh Nàiseanta na h-Einnseanaireachd Comann Aimeireaganach an Eòlais-fhiosaig |
'S e fiosaigiche às na Stàitean Aonaichte a tha ann an George Smith. Tha e ainmeil air sgàth 's gun do bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 2009 còmhla ri Charles Kao agus Willard Boyle airson a' mhothaicheir CCD.[1]
Rugadh e ann an 1930 is bha e sa' Chabhlachd Aimeireaganach eadar 1948 is 1952, nuair a chaidh e do dh'Oilthigh Phennsylvania. Sgrìobh e a theusais aig Oilthigh Chicago. As dèidh siud chaidh e gu Bell Labs far an do dh'obraich e còmhla ri Willard Boyle is thionnsgail iad an CCD ann an 1969.[2] 'S e seòrsa de leth-ghiùlanair a tha a' cleachdadh am buaidh fòtodealanach airson dealain a chruthachadh nuair a lorgas e solas a tha anns an CCD (charge-coupled device).[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “George E. Smith - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 25mh dhen t-Samhain 2018.
- ↑ “George E. Smith - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 25mh dhen t-Samhain 2018.
- ↑ “2009 Nobel Prize in Physics: The Charge Coupled Device (CCD)”. Bell Labs. Air a thogail 12mh dhen Iuchar 2020.