Prìomh-Dhuilleag
|
Fàilte gu Uicipeid na Gàidhlig– an leabhar-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith
Thòisich sinn anns an t-Sultain, 2003, agus tha sinn a-nis ag obair air 8,826 aistidhean anns a’ Ghàidhlig.
|
|
Ro-Ràdh
|
Dè tha ri dhèanamh
|
|
Artagail taghta
'S e baile eachdraidheil ann an iar dheas Coloimbia a th' ann am Popayán. Bha e fa-leth cudromach anns na làithean a dh'fhalbh na a tha e an latha an-diugh. Chuir iomadh cheannsaiche seachd ùine mhòr neo bheag ann am Popayán, Jorge Robledo nam measg. 'S e 19 an teodhachd mheadhannach aige. 'S e prìomh-bhaile na roinne Cauca a th'ann Popayán. Tha e suidhichte aig astar dhe 557km bho Bhogotá.. Bha àireamh-sluaigh dhe 257,512 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-sluiagh mu dheireadh. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1537. A-rèir beul-aithris a’ bhaile, thàinig an t-ainm bho cheann-fheadhna Tùsanch air an robh Payán, a bha os cionn daoine an àite nuair a thàinig na Spàinntich. Bha na Tùsanaich nan tàmh mu thimcheall a’ beinn ris an canar Cerro de la Eme neo Cerro de las Tres Cruces an latha an-diugh. Air an darna thaobh, dh’innis an t-eachdraiche Arcesio Aragón dhuinn gur e Pampayán a bha air an àite bho tus, bho dhà fhacal ann an Quechua: pampa, air a bheil gleann, neo làrach neo fiu’s bealach anns a’ Ghàidhlig, agus am facal yan, a tha a’ ciallachadh abhainn. Bealach na h-Aibhne, leis gum b’urrainn dha na daoine a dhol thar na h-Aibhne Cauca dìreach an seo. Air an taobh eile, thuirt seann sheanchaidh air choieigin gur ann à cànan Aimearaganach mar An Guambía a tha an t-ainm Popayán, is le sin tha trì facalan ann: po: (dà), pa: (tugh) agus yan (taigh): Dà thaigh tiughaidh. ...tuilleadh leughaidh |
An robh fhios agaibh?
Bha An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff (Ruisis: Генрих Кирилл Дикхофф) (1869-1950) 'na mhanach agus 'na chànanaiche Ruiseanach a bha a' fuireach ann an Abaid Chille Chuimein a-mach o 1891. Rugadh e ann am Moscobha agus bha athair 'na aoghaire Lutheranach ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige sa Ghearmailt a chionn 's gun robh a mhàthair 'na Caitligeach is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh. Chaidh e dhan oilthigh ann am Berlin agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis... leugh an corr Dè tha dol?
Duilleagan ùra: Dearbhair-litreachaidh sa Ghàidhlig |
|