Eun
O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Eòin)
| Eun | |
| Comhachag-bhàn, Bubo scandiacus | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Animalia |
| Còmhlan | Chordata |
| Fo fhìne | Vertebrata |
| Roinn | Aves Linnaeus, 1758 |
’S e eun beathach blàth-fhuileach iteagach sgiathach. Bho chionn fhada ann am mean-fhàs nan eun, chaidh an casan-toisich nan sgiathan agus tha a' chuid as motha dhiubh comasach air itealachadh. Ach tha feadhainn mòra ann nach urrainn dhol air iteig, mar eisimpleir: sruth (ostraids) agus emu. Siolaichidh iad le bhith cur uighean.
'S iomadh seorsa a th' ann. Gheibhear eòin fala mar an iolaire, no eòin na doimhne mar am bura bhuachaill no am buthaid. Gheibhear eòin sgrìobaidh leithid an fheannag no am fitheach; eòin ceileiridh leithid an liath thruisg no an sgiath dhearg agus gheibhear eòin na tràghad, na trìleachain 's na feadagan.
- Arspag
- Bru-dhearg
- Bugaire
- Cailleach-oidhche
- Cailleach-oidhche-mhòr
- Calman
- Cam-ghob
- Capall-coille
- Cearc
- Coileach Frangach
- Coileach Fraoich
- Coileach dubh
- Cuthag
- Corra-bhàn
- Dreathan donn
- Eala
- Faoileag
- Fitheach
- Glaisean
- Gobhar-adhair
- Gòbhlan-dubh
- Gòbhlan-gaoithe
- Gòbhlan-monaidh
- Guga
- Iolair
- Lon dubh
- Mèirneal
- Pioghaid
- Seabhag
- Sgarbh-beag
- Smeòrach
- Snagan-daraich
- Steàrnan
- Sùlair
- Tunnag
Gabhaidh na h-eòin a roinn mar a leanas:
Eòin imrich
- Coigrich samhraidh
- Coigrich geamhraidh
- Eun-turais no eun-siubhail
- Seachranaich no Eòin uasal