Cànanachas

O Uicipeid

'S e cuspair acadaimeagach a tha ann an Cànanachas. Tha e a' dèiligeadh ri sgrùdadh cànain.

Roinnean Cànanachais[deasaich | deasaich an tùs]

Cànanachas eachdraidheil[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cànanachas eachdraidheil a' sgrùdadh tùsan cànain agus an dòigh a tha cànanan ceangailte gu h-eachdraidheil ri a chèile.

Seimeotaig[deasaich | deasaich an tùs]

Tha seimeotaig a' coimhead air pròiseasan shoighnichean, soighnichean/sìn agus samhlaichean agus air ciamar a chruthaichear agus ciamar a thuigear ciall fhacal. Coimheadaidh e air ciall fhacal fa-leth agus ann am buidhnean. Chan eil e dìreach a' cuingleachadh air conaltradh cànanach, ach thèid e nas fhaide, a' gabhail a-steach samhlaichean cultarail. Tha e ceangailte ri sgrùdadh litreachais, anailis conaltraidh, cànanachas teacsa agus feallsanachd cànain.

Cànanachas Gnìomhaichte[deasaich | deasaich an tùs]

Cleachdaidh cànanachas gnìomhaichte (Beurla: applied linguistics) toraidhean bho roinnean cànanachais eile agus cuiridh e iad gu feum ann an roinnean eile. Gu tric cleachdar na toraidhean seo airson teagasg cànain, ach cuideachd ann am faclaireachd agus eadar-theangachadh.

An-diugh cleachdar coimpiutairean gu tric ann an roinnean cànanachais gnìomhaichte. Cleachdaidh co-thàthadh labhairt (speech synthesis) agus aithneachadh cànain (speech recognition) eòlas fogharach agus foineimeach gus eadar-aghaidhean gutha a dhèanamh airson coimpiutairean. Cuidichidh e cuideachd le eadar-theangachadh coimpiùtarail agus cuspairean coltach ri sin. Tha buaidh air na cùisean seo air teòiric co-chàraidh agus seimeantaig.

Is anailis cànanach fo-roinn cànanachais gnìomhaichte agus cleachdaidh riaghaltasan sin nàiseantachd dhaoine a dhearbhadh mur a bi iad gun chead-siubhail[1]. Gu tric bidh sin a' tachairt ann an agallamh le neach-obrach ann an roinn in-imrich. Thèid an clàradh an uair sin a sgrùdadh, agus nithear co-dhùnaidhean mu dheidhinn ibhe fògarraich an duine.

Cànanachas Mìneachail[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cànanachas mìneachail (Beurla: descriptive linguistics) a' sgrùdadh air mìneachadh agus aithris chànanan. 'S e an cuspair as sìne cànanachais a th' ann, agus thòisich e le Franz Boas tràth anns an 19mh linn gus an do dh'fhàs cànanachas structarail anns an 20mh linn. An toiseach bha ùidh cànanachais mìneachail ann an cànanan tùsanach a bha (agus a tha) ann an cunnart bàis. Bhon ùidh sin dh'fhàs cuspairean mar shòiseo-chànanachas, cànanachas antrap-eòlach, antrap-eòlas cànanach, cuspairean a sgrùdas ceanglaichean eadar cànan, cultar agus comain shòisealta.

An-diugh tha an ùidh sin air sgapadh thairis air na crìochan Ameireaga a Tuath, agus tha mòran prògraman cànain a' cur cuideam air aithris chànanan a tha a' bàsachadh gu luath. 'S e obair mhòr a th' ann am mìneachadh cànain, agus feumar rannsachadh fad bliadhnaichean agus feumaidh an cànanaiche an cànan ionnsachadh gu ìre àrd gus lorg-ghràmar a sgrìobhadh air a shon. Feumaidh an cànanaiche corpas mòr de theacsaichean, clàraidhean fuaim agus filmichean a chruinneachadh agus stòras dhiubh a chruthachadh, gus am faighear greim air airson rannsachaidhean a bharrachd.[2]

Gràmar na Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Cànanaiche[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd: Cànanaiche

Eile[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

Faclair Cànanachais le Roy Wentworth

  1. Eades, Diana (2005). "Applied Linguistics and Language Analysis in Asylum Seeker Cases". Applied Linguistics 26 (4): 503–526. doi:10.1093/applin/ami021.
  2. Himmelman, Nikolaus Language documentation: What is it and what is it good for? in P. Gippert, Jost, Nikolaus P Himmelmann & Ulrike Mosel. (2006) Essentials of Language documentation. Mouton de Gruyter, Berlin & New York.