Seumas Hogg

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Seumas Hogg
James Hogg 7.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Scotland.svg Eadaraig, roimhe 11 Dùbhlachd 1770
Bàs Flag of Scotland.svg Eadaraig, 21 Samhain 1835
Obair Litreachas, Bàrdachd
Cànan Beurla, Beurla Gallda
Linn 18mh linn, 19mh linn
Gluasadan Soillseachadh
Creideamh Pròstanach

B’ e Seumas Hogg (1770 – 21 Samhain 1835; Beurla: James Hogg) bàrd agus sgrìobhadair na Beurla agus na Beurla Gallta.[1] Nuair a bha e na òganach bha e an sàs ann an àiteachas mar bhuachaille agus cìobair, agus fhuair e a chuid fhoghaim na aonar tron leughadh pearsanta.[2] Bha e na charaid do mhòran sgrìobhadairean cliùiteach a bha beò san àm, Walter Scott nam measg. Fiù ’s sgrìobh Hogg eachdraidh-bheatha neo-oifigeil a’ bhàird.[3] Bha e cliùiteach mar am "Cìobair Eadaraig" (Ettrick Shepherd), is chleachadh am far-ainm nuair a dh’fhoillseachadh tòrr na sgrìobh e. A thuilleadh air sin, chaidh an t-ainm sin a chleachadh mar ainm caractair san t-sreath ainmeil Noctes Ambrosianae, ga fhoillseachadh san iris Blackwood's Magazine.[4] Tha e fhathast ainmeil nar làithean airson na nobhail leis The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner. Am measg nan rud eile a sgrìobh e tha dàin mar The Queen's Wake (1813), cruinneachadh òrain Jacobite Reliques (1819), agus dà nobhail eile, The Three Perils of Man (1822) agus The Three Perils of Woman (1823).

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Mountain Bard (1807)
  • The Forest Minstrel (1810)
  • The Queen's Wake (1813)
  • The Pilgrims of the Sun (1815)
  • Brownie of Bodsbeck (1817)
  • Jacobite Reliques (1819)
  • The Three Perils of Man (1822)
  • The Three Perils of Woman (1923)
  • The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner (1824)
  • Queen Hynde (1925)
  • Songs by the Ettrick Shephard (1831)
  • The Brownie of the Black Haggs (1828)
  • The Domestic Manner and Private Life of Sir Walter Scott (1834)
  • Tales and Sketches of the Ettrick Shepherd (1837)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Hughes, Gillian, 1995. "James Hogg". The Literary Encyclopedia. [1]
  2. Eachdraidh-bheatha, BBC
  3. Karl Miller, The Electric Shepherd: A Likeness of James Hogg, 2004
  4. Hogg, James (2004). Anecdotes of Scott. Edinburgh, UK: Edinburgh University Press. pp. v-vi. ISBN 0-7486-2085-0