Reul-eòlas

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ollamh Iain Caimbeul Brown FRSE, Reuladair Rìoghail air son Alba
Amharclann Rìoghail, Dùn Eideann

Is e reul-eòlas (no speur-eòlas no reuladaireachd) saidheans an stutha anns a' Chruinne-cè agus bithidh e a' rannsachadh an sgaoileidh, an gluasad, nan coimeasgadh, nan staid agus an rothlas aige. Bithidh reul-eòlas a' mìneachadh tuiteamasan a thachras a-muigh a' Chruinne agus an àile aige. Bithidh reul-eòlaichean a' sgrùdadh an tùs is rothlas aig cùisean anns an domhan, cho math ris na buadhannan fisiceach is ceimiceach aca.

Tha reul-eòlas a' dèiligeadh ri rudan thairis air tomhasan aibhseach, bho phlanaidean, gu còrasan-grèine (siostam-na-greine), suas gu reultan, reul-bhagaidean, reul-chriosan (còmhlas ris an stuth eatarra) suas ris an domhan fhèin na iomlan.


Susbaint

Reul-eòlas a-rèir an fhaclair[deasaich]

Reul-eòlas[deasaich]

A-rèir Richard Cox [1] 's e reul-eòlas

  • an t-eòlas mu dheidhinn na grèine,
  • na gealaich, nam planaidean, agus nan reultan.

Tha e cudthromach iomsgaradh soilleir a dhèanamh eadar reul-eòlas a tha na fheallsanachd-nàdair (saidheans), agus speuradaireachd. Tha mòran daoine ann nach tuig an difir eadar reul-eòlas agus speuradaireachd (fiosachd a-rèir suidheachadh nam planaidean agus nan reultan). Is fìor feallsanachd-nàdair (saidheans) an reul-eòlas (Beurla: astronomy), ach is geaslanachd agus baoth-chreideamh an speuradaireachd (Beurla: astrology). Is ann ro chumanta mì-thuigse mu dheidhinn an dà chuspair seo fhathast.

Speuradaireachd[deasaich]

A-rèir Richard Cox [2] ' s e speuradaireachd

  • a’ rannsachadh mar a dh’fhaodadh
  • buaidh a bhith aig planadain agus
  • reultan air ar beatha
Leabhar:Reul-eòlas

Litreachas Reul Eolais[deasaich]

Tha litreachas anns a’ Ghàidhlig mu dheidhinn reul-eòlais nas pailte na litricheas mu dheidhinn saidheans eile air bith. Is e leabhar feumail Reul-eòlas leis an Ollamh Pàdraig Moore, eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid. [3](Faic clàr-fiosrachaidh shìos.)

Ann an Àireamhan 174 agus 175 (1996), dh’fhoillsich GAIRM alt Reul-eòlas airson Luchd-'tòiseachaidh le Garbhan MacAoidh, còmhla ri foirlionadh: Clàr Briathran Reul-eòlais agus Eòlaidheachd. [4] Sgrìobh ùghdar Reul-eòlas airson Luchd-tòiseachaidh: “Cha teid agam air creidsinn nach robh ar sinnsearan eòlach air a’ mhòr-chuid de na reul-bhaid* as cudthromaiche, gu h-àraid nan robh iad a’ seòladh air an àrd-chuan. Ach a-rèir coltais cha do chuir iad ainmean air mòran dhiubh. Dh’aithnich iad An Grioglachan, An Crann-arain, Slighe Chlann Uisnich (a’ ghalacsaidh againne), ach glè bheag eile. B’aithne dhaibh Reul na maide agus Reul an fheasgair (Bheunus no planaid eile nuair a dh’èireas i roimhn ghrèin,agus an dèidh laighe na grèine), ach gu cinnteach cha b’urrainn daibh na planaidean eugsamhail eadar-dhealachadh. Co-dhiù cha robh iad comasach air na planaidean as fhaide ás fhaicinn. A bharrachd air na reultan, dh’aithnicheadh iad na dreugan a thuiteadh air uairibh on speur, ged nach robh fios aca dè an nadur”.

Sa bhliadhna 1857 dh’fhoillsich ministear Aipineach dom b’ainm Duncan Macnair Connell leabhar Gàidhlig fon tiotal Beurla Gaelic Astronomy.

An 1872-1873 fhoillsich an iris-leabhar ainmeil "AN GAIDHEAL" sreath de deich aistean "AIR CRUINN-CHORPAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR" leis an t-Urramach Alasdair Mac Griogair a sgriobh fon ainm phinn "SGIATHANACH". [5]

Tha Irish Astronomical Tract sa Ghàidhlig ann bhon 14mh linn.

Planaidean[deasaich]

Liosta ainmean nan reultan

Venus - A' Mhadainneag, Ribhinn, Bhenus, Bheineas

Reultan Eile[deasaich]

Aldebaran - Aibhseag

Antares - Sgleodhag

Arcturus & Spica - Siarag 7 Searag

Bellatrix & Kappa Orionis - Fadag Ard 7 Fadag Iosal

Betelgeuse - Spor Dearg

Castor & Pollux - Gaolag 7 Gradhag

Deneb & Altair - Leisgeag Àrd 7 Leisgeag Iosal

Hercules - Ceilteach (Iorcall)

Polaris - a' Bharr-reult, an Reul-iuil, a' Chailin

Rigel - Spor Liath

Sirius - Reul an Iuchair

Spica - Falachag

Clàr-fiosrachaidh[deasaich]

  1. Richard A.V. Cox, Brigh nam Facal ISBN 0-903204-21-5
  2. Richard A.V. Cox, Brigh nam Facal.ISBN 0-903204-21-5
  3. Moore, Pàdraig, Reul-eòlas, Eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid, Foillseachair: John A. Macleod, Largs, Ayrshire, 1997.ISBN 0-9530874-0-9
  4. MacAoidh, Garbhan, Reul-eòlas air son luchd-tòiseachaidh, GAIRM Àireamhan 174, 175, 1996.
  5. AN GAIDHEAL: Leabhar I aireamh 9 (Ceud Mios A' Gheamhraidh 1872)- Leabhar II Aireamh 18 (Ceud Mios An Fhogharaidh 1873)