Ailtireachd

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, search

Is e a tha ann an Ailtire, fear (neo té) a dhealbhas togaileachan. Chanar Ailtireachd ris an saor seo, agus measar anns an latha an diugh gur e ealdhain (proifeasan) a tha ann. Tha an stoidhle ailtire dionta an làgh, mar sin, chan fhaod neach sam bith a chumail a-mach gur e ailtire a tha ann mur eil ceum oilthigh an ailtireachd aigesan agus ballrachd de Comann Proifeasanta nan Ailtirean. Feumaidh do ailtirean a chumail ri riaghailtean proifeasanta anns an obair acasan, an da chuid, a dhion muintir na duthcha bho droch ailtireachd agus a dhion deagh ainm na h-ealdhain.

Tha eachdraidh na proifeasan seo an Eòrpa a' dol air ais ri na meadhan aoisean. B'e iadsan a ghin proifeasan na h-ailtireachd, mar a chi sinn i an diugh, na maighstir-clachairean a bha os cionn togail de Arosaibh (àrd-eaglaisean) eadar an 11mh cheud agus an ath-leasachadh anns an 16mh linn.

Ged a tha ailtirean air a bhi ri dealbhachadh togaileachan cudthromach os cionn ceudan nan bliadhna, chan ann gu tric a bhiodh iad a dealbhachadh taigheadas priobhaiteach ach airson daoine air leth bheartach. Is ann mar sin (an Alba mar eisimplir), chithear seann taighean-mora nan uachdaran a chaidh air dealbhachadh a reir stoidhlean, a bha fasanta 'san latha air feadh na h-Eòrpa, ach far a bheil taighean co-aimsireil nan daoine cumanta fhadhast maireannach lorgar gu bheil na taighean beag seo a' leanntainn cruth cumanta na sgire. Mar is tric tha na stoidhlean ionadail seo a' comharrachadh, chan ann a mhain lin an togail ach an stugh togail a bha so-gheibhte gu saor anns an sgire aig an àm.

Clàr-innse

[deasaich] Sgoiltean Ailtireachd


[deasaich] Ailtirean Ainmeil

[deasaich] Ailtirean sa 20mh linn

[deasaich] Ailtirean sa 21mh linn

Innealan pearsanta