Rem Koolhaas

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Koolhaas, Rem.jpg

‘S e Ailtire às Na Tìrean Ìsle a th’ann an Rem Koolhaas (IPA : ˈrɛm ˈkɔːlhɑːs, ainm slàn: Remment Lucas Koolhaas, Rotterdam, 17 an Damhair 1944).

Beatha[deasaich | edit source]

B’ e ailtire a bh' ann a sheanair agus sgrìobhadair a bh' ann athair.[1] Nuair a bha e ochd bliadhna a dh’aois, fhuair athair cuireadh prògram cultarail air dòigh san Innd-Innse, leis gur esan fear-iomairt saoradh na dùthcha. Chuir an teaghlach trì bliadhna seachad ann an Jakarta agus thug an turas sin buaidh mhòr air Rem òg.[2] Air ais sna Tìrean Ìsle bha e na fhear-aithris leis a’ phàipear-naidheachd De Haagse Post,[3] a bharrachd air a bhith a’ sgrìobhadh sgriobtaichean nam film.

Ailtireachd[deasaich | edit source]

Chaidh Koolhaas dhan sgoil Ailtireachd Architectural Association School of Architecture[4] ann an 1968, nuair a bha e 24 bliadhna a dh’aois, agus an uair sin gu Oilthigh Cornell,[5] ann an Ithaca ann an 1972, far an robh e fo stiùireadh Mathias Ungers. A thuilleadh air sin, chuir e seachad na oileanach aig Institute for Architecture and Urban Studies[6] ann an Eabhraig Nuadh cuideachd. Chuir Koolhaas Oma (Office for Metropolitan Architecture) air dòigh ann an co-bhann le Elia Zenghelis, Zoe Zenghelis agus a bhean Madelon Vriesendorp.[7] Ann an 1978 sgrìobh e an leabhar Delirious New York[8] far a dhearbhaich e a chuid bheachdan-smuainealas taobh Ailtireachd. Dh’fhoillsich e S,M,L,XL, ann an 1995 ann an co-bhann le Bruce Mau, Jennifer Sigler agus Hans Werlemann. ‘S e leabhar uabhasach fada a bh' ann (1,376 duilleagan) ann an stoidhle ùr, a dh’atharraich clò-bhualadh an ailtireachd gu mòr.

Toglaichean agus Pròiseactan[deasaich | edit source]

Duaisean[deasaich | edit source]

  • Pritzker Prize (2000)[17]
  • Chevalier de Légion d'honneur (2001)[18]
  • Praemium Imperiale (2003)[19]
  • Royal Gold Medal (2004)
  • Doctor honoris causa san Katholieke Universiteit Leuven (2007)[20]
  • Leone d’Oro della Biennale di Architettura di Venezia (2010)[21]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Historici
  2. New Statesman
  3. HP
  4. AASA
  5. Cornell
  6. Institute NY
  7. OMA
  8. New Statesman
  9. What we do is secret
  10. Stories of houses
  11. CNNGO
  12. Snumoa
  13. Milsteinhall
  14. Deezen
  15. Bryghusprojektet
  16. Torre Bicentenario
  17. Pritzker Prize
  18. Légion d'honneur
  19. Praemium Imperiale
  20. Katholieke Universiteit Leuven
  21. La Biennale