Ceimigeachd

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dùileòlachd)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Fullerene-C60

Is e ceimigeachd saidheans nan stuthan agus an eadar-oibre aige le lùths, gu h-àraid na dòighean mar a dhealbhas dadaman, moileciuilean, agus na buadhannan aig ceimigean. Tha e a' dèiligeadh le stuth, mar eileamaidean, meatailtean agus ciamar a tha iad ag obair ri chèile.

Is e a tha anns a' cheimidh (neo poitearachd), an sgoil a sgrùdas na comh-gnìomhan a bhitheas stuthan eadar-dhealaichte a dèanamh nuair a thèid measgachadh orra.

Tha h-uile ni anns an saoghal nàdarra dèanta suas a dadamain. Is e a tha ann an dadmann an mir bu lugha de susbaint air bith.

Ma thèid measgachadh air dà shusbaint a tha co-gnìomhachd ri chèile, thèid gnìomh-cheimidh air adhart a bhitheas a' caitheamh na susbaintean tòisichidh agus a' cruthachadh susbaintean eile. Bithidh na comh-gnìomhan a' tachairt eadar dadamain fa-leth, airson aobharan ceangailte ri gèilleadh, glacadh agus co-phàirteas de na electronaibh bhalantais aca.

Dadamain[deasaich | edit source]

Tha gach dadmann deata suas de mìrean fo-dadamanachd. Tha trì seòrsa dhaibh: Proton, Niùtron agus Eleactron. Is i an ealactron a tha bu chudthromach ann an sgoil a' cheimidh.

  • Is tomad a' phrotoin aonad (1) agus tha urchair dealanachd dearbhachd ( + )air.
  • Is tomad an niùtroin aonad (1) agus chan eil urchair dealanachd air.
  • Is tomad na h-eleactroin 1/1850 agus tha urchair dealanachd aichill ( - )oire.

Is eagar an dadmann, niùclas tomadach de protonaibh agus niùtronaibh, le na h-eleactronaibh eagaraichte an sligean a tha ga chuairteachadh. An co-mheas le meud an niùclas tha tarsainnead nan sligean fuathasach mòr.

Ri gach proton anns an niùclas bidh niùtron. Ri gach proton anns an dadmann bidh eileactron. Mar sin bithidh na urchairean dealanachd anns an dadmann an cothrom ri chèile agus cha bhi urchair air an dadmann fhèin, (cho fad 's a tha i saor

Artagailean eile[deasaich | edit source]

Na h-ealamaidean[deasaich | edit source]

Is e eileamaid a tha ann gach seòrsa bun-stugh. Tha na h-eileamaidean roinnte eadar meatailtean agus ana-mheatailtean. Is dadam an aonad bu lugha de gach eileamaid, agus tha gach dadam dèanta suas de nucleus, agus "sligean dealanaich" a tha gan chauirteachadh. Tha gach dudam fa-leth na staid as cunbhalach nuair a tha na sligean dealanaich aice làn- neo ban. Is feart de meatailtean, gun choisinn iad inbhe cunbhalas le toirt seachad na dealanaich a tha anns an slige a-muigh aca, agus is feart de ana-mheatailtean gun choisinn iad cunbhalas le gabhail na dealanaich a tha dith orra a lionaich na slige-dhealain a-muigh aca. Nuair a thig meatailt agus ana-mheatailt còmhla, cruthaichear bonn ionachd eadarra. Tha sin ri radh gu gèill an meatailt dealanach (aich) chun ana-mheatailt, a' fagail slige a-muigh a' mheatailt ban agus slige a-muigh an t-ana mheatailt lán. Air sgaths gu bheil an meatailt air call dealanach, thig urchair dearbhach air, agus thèid urchair diùltach (air sgath na dealanaich air barrachd) air an ana-mheatailt. Canar ionnann ri na mirean seo. Tha an difir eadar na h-urcharan aig aobharachadh co-tharruing agus bonn làidir eadar na dadamain meatailt agus ana-mheatailt, chanar bonn ionachd ris.

Meatailtean Salann na Groide[deasaich | edit source]

Meatailtean-Talmhainn Salann na Groide[deasaich | edit source]

Meatailtean Trasdach[deasaich | edit source]

Meatailtean Eile[deasaich | edit source]

Meatailtich[deasaich | edit source]

Neo-Mhealtaitean[deasaich | edit source]

Na Hailiginich[deasaich | edit source]

Na Gasan Uasal[deasaich | edit source]

Na h-Eileamaidean-talmhainn Ainneamh[deasaich | edit source]