Voltaire

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Voltaire
Atelier de Nicolas de Largillière, portrait de Voltaire, détail (musée Carnavalet) -002.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Royal Standard of the King of France.svg Paris 21mh An t-Samhain 1694
Bàs Royal Standard of the King of France.svg Ferney-Voltaire 30mh An Cèitean 1778
Obair Feallsanachd, Litreachas, Poileataigs
Cànan Fraingis
Linn 18mh linn
Gluasadan Soillseachadh
Creideamh Deist

B’ e François Marie Arouet (IPA fʁɑ̃swa maʁi aʁuˈwe), neo Voltaire (IPA volˈtɛʁ), an t-ainm-brèige a chleachd e mar bu tric, ùghdair agus feallsanach a thug buaidh mhòr air an 18mh linn, gu seachd àraidh air cuimhne coitcheann nam Fraingeach. Rugadh e air an 21mh latha dhen t-Samhain 1694 ann am Paris, am baile far an do chaochail e air an 30mh latha dhen Chèitean 1778.[1] ‘S e a’ chiad cheannard na luchd-innteachail is e an sàs ag obair airson na Fìrinn, a’ Cheartais agus Saorsa na Smuain. Fhuair e an t-ainm pinn sin bho na litrichean AROUET L(e) J(eune), anagram an ainm aige, air an sgrìobhadh ann an Laideann, AROVETLI.[2]

Mar Shamhla An t-Soillseachaidh agus ceannard nam Feallsanach (Fraingis: Le Parti Philosophique), tha an t-ainm aige fhathast gu math ceangailte ris an strì ann an dà chuid an aghaidh na Gràinealachd (Fraingis: l’infâme), an t-ainm a thug e do dh’eudmhorachd chràbhach, agus airson adhartas agus ceadachas. ‘S e deist a bh' ann ged-tà, is e dhen bheachd gur e monarcachd chuimseach libearalach, air an soillearachadh leis na “feallsanaich”, an siostam na b’ fheàrr co-dhiù. Bha e dlùth air na uachdaran soillearaichte na Roinn Eòrpa aig àm an t-Soillseachaidh is ghabhadh e bràth mar bu tric air a chuid suaicheantais gus ìobairtich a dhìon bho an neo-cheadachas chràbhach agus an neo-riaghailteachas, mar eisimpleir na cùisean Calas, Sirven, Chevalier de La Barre agus Comte Lally, Dh’Fhàs e na bu chliùitiche air an sàilleabh.

Ged an do sgrìobh e iomadach rud, cha leughar an-diugh ach a chuid fheallsanachd ann an rosg: mar eisimpleir sgeulachdan agus nobhailean (‘s e Candide an leabhar as ainmeile aige), Lettres philosophiques, Dictionnaire philosophique agus na litrichean a sgrìobh e. Thathar a’ leigeil seachad a’ mhòr-chuid dhen dràma, dàn mòr agus na leabhraichean eachdraidheil a fhuair deagh chliù fad na 18mh linne. Tha e cliùiteach fhathast gus an latha an-diugh air sgàth an nòs sgrìobhaidh dreachmhor pongail ìoronasach cruaidh a bh’ aige.

Bha Voltaire còmhla ri daoine mòra fad a bheatha is e cho dèidheil air na rìghrean, gun a bhith a chuid dhìmeas taobh na daoine cumanta fhalach, ach chuir an Riaghaltas dragh airsan cuideachd: chaidh e a thoirt dhan Bhastille is b’ fheudar dha a dhol na fhògarrach gu Sasainn agus Paris fhàgail.[3] Ann an 1749, an dèidh bàis Émilie du Châtelet, an leannan aige fad 15 bliadhna dhe càirdeas gu math stoirmeil, dh’ fhalbh e dhan A’ Phrùis. Cha b’ urrainn dha pàirt cudromach fhaighinn ri taobh h Friedrich II na Prùise ann anm Berlin, agus an ceann trì bliadhna chaidh e a-mach leis an rìgh agus dh’ fhàg e Berlin ann am 1753.[4] An ceann greiseig chaidh e gu Délices anns An Eilbheis, faisg air Geneva, mus do cheannaich e oighreachd ann am Ferney-Voltaire dìreach air na crìochan eadar An Fhraing agus Geneva, fada às na daoine chumhachdach, ann an 1759.[5] Dh’fhàs an oighreachd aige na bu luachmhoire agus bha Ferney àite ainmeil airson chultair anns an Roinn Eòrpa air fad. Cha do thill e gu Paris gu ruige gu 1778, is fhuair e urram le daoine a bhith a' seasamh agus a' bualadh bhasan an uair sin. Chaochail e an siud nuair a bha e 83 bliadhna a dh’ aois.[6]

Dìreach mar ghuth na "deagh amannan ann am làithean an iarainn sin" (Fraingis: «bon temps (de) ce siècle de fer!») anns an leabhar Le Mondain, bha Voltaire cho dèidheil air saimheachas agus air aoibhneas a’ bhìdh agus a’ chòmhraidh, agus bha e dhen bheachd gu robh iad, còmhla ris an dràma, na cleachdaidhean na b’ ionnsaichte anns a’ cho-chomann. Chuireadh e uallach air a chuid chomhfhurtachd shaoghalta oir gur e barantas a chuid shaorsa is neo-eisimeileachd a bh’ann. Dh’fhàs e a cho beartach tro sheilbhean baralach gum b’ urrainn dha caisteal a cheannach ann am Ferney ann an 1759, le companaich foghlaimte inntinneach a’ cèilidh air. A dh’aindeoin sin, bha e daonnan aimhreiteach agus gu math fiadhaich leis a chuid nàmhaidean, mar Jean-Jacques Rousseau.[7]

Aig àm Ar-a-mach na Frainge bhite dhen bheachd gur e roi-ruithear a bh’ann Voltaire agus an nàmhaid aige Jean-Jacques Rousseau, is chaidh an dust aige a thoirt dhan Panthéon ann an 1791, an darna fear an dèidh Honoré Gabriel Riqueti de Mirabeau.[8] Ghlèidheadh an dìleab a leig Voltaire glè chudromach ri linne III Poblachd na Frainge is bho 1870 rachadh an t-ainm aige a chur gu rathad agus ceàrnaig ann am Paris (is beag air bheag gu cidhean, sràidean, sgoiltean, stèiseanan trèana fo thalamh is a h-uile càil). Anns an 19mh Linn bha na sgrìobh is na smaoinich e aig cnag na cùise anns an strì eadar an fheadhainn a bha an aghaidh agus an fheadhainn a bha airson sgoiltean neo-chràbhach na Stàite, mòran na b’ fhaide na smaoinich na daoine aig àm an t-Soillearachaidh.

An Teaghlach Arouet[deasaich | edit source]

Bhuineadh na Arouet do Saint-Loup, baile beag ann an ceann an tuath na sgìre Poitou, is iad nan cairtearan an siud fad an 15mh Linn agus an 16mh Linn. ‘S e eisimpleir dhe dol suas nam bùirdeasach anns an 17mh Linn a bh' ann na Arouet. Chaidh a’ chiad Arouet gu Paris ann an 1625, is dh’fhosgail e bùth shìoda. Phòs e nighean cheannaiche-aodaich is dh’fhàs e a bhith cho beartach gum faodadh e dreuchd mar nòtair aig Taigh na Cùirte ann an Châtelet a cheannachd do a mhac, athair Voltaire, ann an 1675. Le sin, b’ urrainn dha a bhith na uasail laghail (Fraingis: noblesse de robe), neo tighearna a cheannaich an tiotal aige. Bha athair Voltaire uabhasach dìorrasach seòlta: dh’ fhàs e càirdeil le daoine cudromach, thug e piseach air beairteas an teaghlaich, phòs e nighean clèireach cùirte, reic e an dreuchd aige ann an 1696 is fhuair e dreuchd mar chomhairliche an rìgh. Dh’eug màthair Voltaire nuair a bha esan dìreach seachd bliadhna a dh’aois. Bha bràthair mòr aige, Armand Arouet (16851745), fear-lagha anns a’ chòmhdhail, caitligeachcruaidh agus janseneach làidir, seana-ghille agus shealbhaich Voltaire a chuid oighreachdan. Bha piuthar aige cuideachd, Marie Arouet (a chaochail air an 15mh latha dhen Dhàmhair 1726), bean Pierre François Mignot, sgrìobhaiche oifigeil. ‘S e ise an aon Arouet a chòrdadh le Voltaire. Bha ceathrar chloinne aice, sagart agus sgrìobhadair nam measg. Thuirt Voltaire: “Tha dithis cràichte agam , fear ann an rosg agus fear eile ann am bàrdachd”.

Foghlam: An Comann Iosaid agus na saor-chlachairean[deasaich | edit source]

Toglach nam saor-chlachair ann an 1739

Bha athair Voltaire ag iarraidh deagh fhoghlaim inntleachdail a thoirt dha a mhac, a bha cho tapaidh nuair a bha e fhathast na leanabh. Nuair a bha e 10 bliadhna a dh’aois chaidh e gu sgoil An Comainn Iosaid lycée Louis-le-Grand, an sgoil na bu spaideile agus na bu dhaoire ann am Paris. Dh’ionnsachadh na sagartan Laideann, Greugais agus òr-chainnt. A bharrachd air sin bha iad ag iarraidh ceannardan na dùthcha a chruthachadh is shealladh iad cleachdaidhean na daoine mòra dha na sgoilearan aca. Le sin, bha deasbadan, argamaidean laghail, farpaisean bhàrdachd, agus drama uabhasach cudromach aig an sgoil. ‘S e sàr sgoilear a bh’ann Arouet òg agus dh’fhàs e a bhith gu math cliùiteach airson a chuid bhàrdachd. Dh’ionnsaich e ciamar a chòrdadh ris na daoine mòra is ciamar a bhruidhinn riutha mar cho-inbheach co-dhiù. Dh’fhàs e gu math càirdeil ri daoine cudromach is rachadh aige ris a' chàirdeas sin a chleachdadh fad a bheatha, gu seachd àraidh na bràithrean D’Argenson, nam ministearan fo Louis XV agus Louis François Armand de Vignerot du Plessis, Iarla Richelieu.

Obair cudromach[deasaich | edit source]

Leabhraichean[deasaich | edit source]

  • Lettres philosophiques sur les Anglais (1733)
  • Le Mondain (1736)
  • Sept Discours en Vers sur l'Homme (1738)
  • Zadig (1747)
  • Micromégas (1752)
  • Candide (1759)
  • Traité sur la Tolérance (1763)
  • Ce qui plaît aux dames (1764)
  • Dictionnaire philosophique (1764)
  • L'Ingénu (1767)
  • La Princesse de Babylone (1768)

Dealbhan Cluiche[deasaich | edit source]

  • Œdipe (1718)
  • Zaïre (1732)
  • Eriphile (1732)
  • Irène
  • Socrates
  • Mahomet
  • Mérope
  • Nanine
  • L'Orfelin de la Chine (1755)

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Biografías y Vidas
  2. Encyclopédie Larousse
  3. Cibernous
  4. Munger
  5. Astoft
  6. http://www.visitvoltaire.com/voltaire_bio.htmisit Visitvoltaire
  7. EPDLP
  8. Robertexto