Jean-Jacques Rousseau

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Jean-Jacques Rousseau
Jean-Jacques Rousseau (painted portrait).jpg
Fiosrachadh
Rugadh Coat of Arms of Geneva.svg Genève 28 an t-Ògmhios 1712
Bàs Royal Standard of the King of France.svg Ermenonville, 2 an t-Iuchar 1778
Obair Feallsanachd, Litreachas, Poileataigs
Cànan Fraingis
Linn 18mh linn
Gluasadan Soillseachadh
Creideamh Pròsdanachas

B’ e Jean-Jacques Rousseau (Genève, 28 an t-Ògmhios 1712Ermenonville, 2 an t-Iuchar 1778) sgrìobhadair agus feallsanaiche à Genève san Eilbheis.[1]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuineadh Rousseau do theaghlach iriseal Pròstanach. Bha athair na uaireadairiche agus chaill e a mhàthair nuair a bha e uabhasach òg. 'S piuthar athar a thog e suas. Cha do deach e idir chun an oilthigh ach bha e na fhoghlainnteach fo nòtair.

Dh’fhàg e Genève ann an 1728 is chaidh e chun na Frainge. Chuir e seachad mòran bhliadhna an siud is e a’ fuireach ann an Chambéry, far a leughadh e tòrr is far an do leig e dheth a’ Phròsdanachas. Bha e fo bhuaidh a’ Bhan Iarla Warens, a leannan. Ann an 1742 chaidh e gu Paras. Chruthaich e siostam ùr airson Ceòl a sgrìobhadh is bha e na rùnaire Tosgair na Frainge ann an Venise fad bliadhna. Phòs e le Thérèse Levasseur ann an 1768 an dèidh còignear chloinne fhaighinn leatha.

Bha e an sàs ann an Encyclopédie a chuir D’Alembert agus Diderot air dòigh agus fiù 's bhuannaich e duais airson a’ chiad rud a sgrìobh e, air an robh Discours sur les Sciences et les Arts, ann an 1750. Thill e gu Genève ann an 1752. B’ fheudar dha a ghabhail ris a’ Phròstanachas gus a chuid chòirichean mar neach-dùthcha fhaighinn air ais. 'S ann an-siud far an do sgrìobh e leabhar eile, Discours sur l’origine de l’inégalité entre les Hommes ann an 1755. Bha Rousseau dhen bheachd gur e creutair sona sunndach nàdarra a bh' ann na daoine, is gur e dìreach saoghal nan daoine fhèin a bha a’ cur dragh oirnne.

Sgrìobh e dà leabhar cudromach ann am Montmorency, nuair a bha e na thàmh aig taigh Madame D’Epinay. Julie ou la nouvelle Eloise (1761) Ann an Du Contract Social (1762) sgrìobh e mu dheidhinn na daoine anns a’ chomann shòisealta, saorsa agus ar dleastanasan. Ann an Emile ou de l’Education (1762) bheachdaich e mu dheidhinn an Fhoghlaim is na creideamhan. Fhuair a dubh-chàineadh bho ùghdarrasan na dùthcha is b’ fheudar do Rousseau An Eilbheis fhàgail. Chaidh e thall gu Breatainn còmhla ri David Hume.

Thill Rousseau gu Paris ann an 1770 is bhàsaich e ann an Ermenonville ann an 1778.

Creideamh[deasaich | deasaich an tùs]

Cha chuireadh idir Rousseau a chuid earbsa ann an creideamh nan daoine (eaglaisean) neo fiù 's anns na leabhraichean cràbhach (uile air an eadar-theangachadh). Tha fhios againn gun do thionndaidh Rousseau gu bhith na Chaitligeach nuair a bha e dìreach 17, ged an do thogadh e ann an Genève Pròstanach. Ach leig e dheth an Eaglais Chaitligeach nuair a bha e 42 ans, air adhbharan poilitigeach. Ann an 1768 phòs e ri Thérèse Levasseur aig taigh-cùirte ann am Bourgoin, san Fhraing, ach cha d’ fhuair am pòsadh sin beannachadh na h-eaglaise idir, is le sin, a-rèir na laghan a bh' ann aig an àm sin, cha robh am pòsadh laghail co-dhiù. Mar a thuirt esan fhèin: S’ e Crìosdaidheachd a th’ annam, fìor Chrìosdaidh a-rèir an t-soisgeul co-dhiù, ach chan eil mi nam fhear-leantail nan sagart, ach dìreach fear-leantail Iòsa-chrìosd.[2] Tha sin a’ sealltainn gur e Crìosdaidheachd anabarrach a bh' aige, as aonais sgoilearachd diadhaireachd sam bith; Dhiùlt Jean-Jacques Rousseau meadhanaireachd: gun sagartan, gun ministearan, gun diadhairean, cha robh e a’ creidsinn anns na mìorbhailean, neo ann an teagasg a’ pheacaidh-gine nas motha. 'S seòrsa dhe deism reusanta a bh' ann a chuid Chrìosdaidheachd, a fhuair e bho Bhernard Lamy agus Nicolas Malebranche.

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Projet concernant de nouveaux signes pour la musique (1742)
  • Dissertation sur la musique moderne (1743)
  • Discours sur les Sciences et les Arts (1750)
  • Discours sur la vertu du héros (1751)
  • Le Devin du village (1752)
  • Narcisse ou l’amant de lui- même (1753)
  • Discours sur l'origine et les fondements de l'inégalité parmi les hommes (1755)
  • Jugement du Projet de paix perpétuelle de Monsieur l'Abbé de Saint-Pierre (1755)
  • Examen de deux principes avancés par M. Rameau (1756)
  • Dictionnaire de Musique (1755 - 1767)
  • Lettre sur la Providence (1758)
  • J.-J. Rousseau, Citoyen de Genève, à M. d'Alembert sur les spectacles (1758)
  • Lettres morales (1757 - 1758)
  • Julie ou la Nouvelle Héloïse (1761)
  • Du Contract Social (1762)
  • Émile ou de l’Education (1762)
  • Lettres écrites de la Montagne (1764)
  • Lettres sur la législation de la Corse (1764)
  • Projet de constitution pour la Corse (1765)
  • Les Confessions (1765 - 1770)
  • Considérations sur le gouvernement de Pologne (1770 - 1771)
  • Pygmalion (1771)
  • Essai sur l’origine des langues (1781)
  • Émile et Sophie, ou les Solitaires (1781)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Biografías y Vidas
  2. Je suis chrétien, et sincèrement chrétien, selon la doctrine de l'Évangile. Je suis chrétien, non comme un disciple des prêtres, mais comme un disciple de Jésus-Christ.