Jump to content

Almain

O Uicipeid


Almain
Aluiminium.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Al
Àireamh 13
Buidheann 13, Bòron
Ùine 3
Bloca p
Seòrsa Meatailtean
Buadhan stuthach
Dath Geal-liath
Teothachd leaghaidh 933.47 K ​(660.32 °C, ​1220.58 °F)
Teothachd goilidh 2743 K ​(2470 °C, ​4478 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da 26.9815385(7)[1]
Comh-dhealbhadh atamach [Ne] 3s2 3p1
Cor ogsaideachaidh +3, +2, +1
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 577.5
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 1816.7
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 2744.8

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an aluiminium[2], no alman (fir)[3], no almain (boir.)[4], no alùmanum[5],[4], le samhla Al agus àireamh atamach 13.

'S e meatailt gu math aotrom a tha ann.

Ann an 1807 lorg Humphry Davy gun robh sodium agus potasium ann an alm agus meatailt eile, a dh'ainmich e aluminium. Ann an 1825 rinn Hans Christian Ørsted aluiminium neo-ghlan. Ann an 1827 rinn Friedrich Wöhler rannsachadh cosail agus rinn e aluiminium fìor-ghlan.

Bha factaraidh aluiminiuim ann am Foithir. Thog am British Aluminium Company taigh dealain-uisge airson aluiminium fhìnicheadh ann an 1896. Aig toiseach thàinig am bauxite, clach-aluiminiuim, à Latharna na h-Èireann air a' Chanàil Chailleanach ach nas fhaide thàinig an clach à Gàna tro an t-Eilean Loisgte. Dhùn am factaraidh ann an 1970.[6] Thog an companaidh a dhàrna factaraidh ann an Ceann Loch Lìobhann eadar 1905 is 1909 is an stèisean cumhachd na stèisean as motha anns an t-saoghal aig an àm sin. Chaidh na ceàrdaichean a dhùnadh ann an 2000.[7]

Cleachdar aluiminium gu tric airson crogain dighe agus foidhle.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Atomic weights of the elements 2019”. Commission on Isotopic Abundances and Atomic Weights. Air a thogail 12mh dhen Ògmhios 2020.
  2. http://www.anseotal.org.uk/results.jsp?query=aluiminium
  3. Alman”. Am Faclair Beag.
  4. 4.0 4.1 Scannell, Kevin P. (2na dhen Ògmhios 2016): “Foclóir Gàidhlig-Gaeilge”, td. 7.
  5. Alùmanum”. Am Faclair Beag.
  6. Foyers, British Aluminium Factory”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2020.
  7. Kinlochleven Aluminium Works”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2020.