An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Canaigh"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b litreachadh
b →‎Ceanglaichean a-mach: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|no}} using AWB (10903)
Loidhne 26: Loidhne 26:


[[Roinn-seòrsa:Eileanan a-staigh]]
[[Roinn-seòrsa:Eileanan a-staigh]]

{{Link GA|no}}

Mùthadh on 15:21, 24 dhen Ghiblean 2015

An Coroghon; caisteal briste san àird an ear Chanaigh [1]

'S e Canaigh [2] an t-eilean as fhaide iar a tha anns na h-Eileanan Tarsainn. Anns a’ bhliadhna 2006 bha 19 daoine a’ fuireach an seo.

Tha Canaigh ainmeil airson nan eòin aige.

Cruinn-eòlas

Tha Canaigh mu 7 cilemeatair (4.3 mìltean) a leud agus 1.5 cilemeatair (0.9 mìle) air fhad. Tha an t-eilean Òigh-sgeir (Beurla: Haiskeir) mu 10 cilemeatair san àirde an iar-dheas Chanaigh. Tha an t-eilean ceangailte le Sandaigh le drochaid.

'S e an "Càrn a' Ghaill" an cnoc as àirde air Canaigh le 210 meatair (689 troigh) de dh'àirde. San àird an iar an eilein tha "Ceann Creag-airighe" le 130 meatair de dh'àirde.

Eachdraidh

Bha Canaigh aig Iain Latharna Caimbeul, seinneadair agus sgoilear Gàidhlig. Anns a’ bhliadhna 1981 thug e an t-eilean do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba, ach bha cead aige a bhith a’ fuireach ann an Taigh Chanaigh, gus an do chaochail e ann an 1996. Chum Margaret Fay Shaw, a’ bhean aige, air cruinneachadh stuthan Gàidhlig, gus an do chaochail i anns a’ bhliadhna 2004, bha i 101 bliadhna a dh’aois.[3] Fhàg i an leabharlann agus an tasglann fìor mhath a tha ann an Taigh Chanaigh don Hebridean Trust. Tha planaichean aca gum bi an leabharlann fosgailte mar àite rannsachaidh don a h-uile duine.

Giùlan

MV Loch Nibheis

Tha port na mara mòr nàdarrach ann a tha suidhichte eadar Canaigh agus Sandaigh. Anns a’ bhliadhna 2005 leudaicheadh an cidhe. Cleachdaidh aiseagan Chaledonian Mac a' Bhriuthainn e. Tha an t-aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc.

Iomraidhean

  1. RCAHMS: “Information on Coroghan Castle”. Air a thogail 20mh dhen Ghiblean 2007.
  2. Am Faclair Beag
  3. Road to the Isles: “Canna”. Air a thogail 20mh dhen Ghiblean 2007.

Ceanglaichean a-mach

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: