Jump to content

Polonium

O Uicipeid


Polonium
Marie Curie, a lorg polonium còmhla ri a fear Pierre Curie.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Po
Àireamh 84
Buidheann 16; VIa
Ùine 6
Bloca p
Seòrsa Meataloighd no meatailt
Buadhan stuthach
Dath Airgeadach
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da (209) ach chan eil e seasmach
Comh-dhealbhadh atamach [Xe] 4f14 5d10 6s2 6p4
Cor ogsaideachaidh +6, +5, +4, +2, −2 ​
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 812.2 kJ mol−1

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am polonium le samhla Po agus àireamh atamach 84.

'S e teann-stuth aig an teòthachd sheòmair is tha e glè phuinnseanach agus rèidio-bheò. Lorgar uiread chrìon Po-210 ann an nàdair. Tha e a' dol à seargadh-beta Bi-210 agus tha e a' cruthachadh Pb-206 le seargadh-alpha.

Ann an 1898 lorg Marie Curie agus Pierre Curie polonium ann am pitchblende (clach-uranium) an dèidh dhaibh an t-uranium agus an torium a thoirt às. Bha am fuidheall nas rèidio-bheò na uranium no torium. Tha an t-ainm a' dol às an Laideann Polonia (A' Phòlainn), far an rugadh Marie Curie.

Ann an 2006 chaochail Alexander Litvinenko leis an puinnseanachaidh polonium.

Cleachdar polonium mar tobar teasa ann an saidealan o chionn s' gu bheil e glè rèidio-beò.